José Hilario López

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

José Hilario López Valdés

Josehilariolopez1.png

Ainm na Dùthcha Flag of New Granada.svg Poblachd Ghranada Ùire
Teirm 1 dhen Ghiblean 1849 gu 1 dhen Ghiblean 1853
Ro-Theachdaire Tomás Cipriano de Mosquera
Neach-Ionlaid José María Obando
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 18mh an Gearran 1798
Àite Bhreithe Popayán Cauca
Ceann-Là a Bhàis 27mh an t-Samhain 1869
Àite a Bhàis Campoalegre Huila
Bean/Fear-Chèile María Dorotea Durán Borrero
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear

B’ e José Hilario López Valdés, a rugadh ann am (Popayán 18 an Gearran 1798 agus a chaochail ann an Campoalegre, Huila, 27 an t-Samhain 1869) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1849 agus 1853.[2][3] ‘S e mac José Casimiro López, oficial de cruzada, agus Rafaela Valdés y Fernández de Córdoba a bh’ann. Fhuair e a chuid fhoghlaim ann am Popayán, is thug José Félix de Restrepo a chuid oideachaidh dhàsan. A bharrachd air sin fhuair e deagh fhoghlaim aig Oilthigh Cauca.[4]

Sàbaid airson an Neo-Eiseimeileachd[deasaich | edit source]

Chaidh e dhan Arm mar fhoghlaimichte-airm nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois. Ghabh e pàirt anns na cathan aig Alto Palacé (30 an Dùbhlachd 1813), Calibío (am Faoilleach 1814), Tacines (9 an Cèitean 1814) agus Pasto (10 an Cèitean 1814). Chaidh e a ghlacadh le feachdan na Spàinne aig Blàr Cuchilla del Tambo (29 an t-Ògmhios 1816). Fhuair e binn phrìosain agus an uair sin chaidh e a chur gu Arm na Spàinne mar shaighdear na raghan. Theich e às an Arm nuair a bha e ann am Bogotá far an do dh’aontaich e gus na Reubaltaich.

B’ urrainn dhàsan a chuid shaorsa mhaireanach fhaighinn 28 an t-Ògmhios 1819, tro eadraigeann Eusebia Caicedo, piuthair a’ mhàthar. Nuair a bha e ann am baile beag ris an canar La Mesa chunnaic e feachdan mu dheireadh Arm na Spàinne a dhol seachad, is Vicente Azuero (seann chompanach prìosan aige), na phrìosanach nam measg fhathast. Rinn López gnothach soirbheachail airson ga shaorachadh. Chaidh e a a chur an aithne gu Simón Bolívar leis na cinn-feadhna tìr-gràdhaiche a bha eòlach air, agus dh’ainmich esan leas cheann-feadhna air an Reiseamaid ùr “Boyacá” e. An ceann greiseah chaidh e a dh’ àrdachadh gu fo-cheannard, mar chaiptean. Ghabh e pàirt anns an Iomairt an Tuath (Spàinntis: La Campaña del Norte), far an do rinneadh ionnsaigh mòr anns A' Bheiniseala.

Ri Taobh Shantander[deasaich | edit source]

Bha e an sàs, còmhla ris a’ Chornailear José María Obando, ann an ar-a-mach an aghaidh Bholívar, air sàilleabh na tachartasan a lean Fliùchd an t-Sultain 1828, leis gur e Ceannard Coitcheann Àrd-oifis an Airm agus Ceannard Coitcheann na Roinne Azuay a bh’ann. Bha còmhstri armachd dìreach air thoiseachadh eadar Colombia agus Riaghaltas A’ Phearu. Chaidh Bolívar mu dheas aig deireadh an Dùbhlachd 1828 airson a dhèiligeadh ris a’ chogadh agus an t-ar-amach aig López agus Obando. Dh’ fheuch esan ris na draghan a bha airsan taobh ar-a-mach nan Ceannard a sheachdnadh fhad’s a bha e an siud gus gum b’ fhaodadh e coinneamh fhaighinn leis a’ Mharasgal Antonio José de Sucre agus ionnsaighean nam Pearuach a chur às. Le sin, chaidh na reulabtaich a mhaitheachadh aig deireadh am Faoilleach 1829. A bharrachd air sin, chuir e tosgairean dha Obando agus López gus sgur-cogaidh a mholadh. An ceann mhìos thachair Còrdadh Juanambú, ris a chuir iad uile ainm 2 am Màrt 1829.Dh’ innis Bolívar dha na reubaltaich na adhbharan a bh’ aige airson Bun-Reachd Cúcuta a dhiùltadh, air sgàth a thachair le Páez anns a’ Bheiniseala.

Rinn López agus Obando ar-a-mach a-rithist ann an t-Sultain 1830, an turas sin aig àm Riaghaltas an Airm aig Rafael Urdaneta. Chaidh an dithis bho neart gu neart. Aig toiseach toisichidh chuir iad an ceann a deas na dùthcha fo smachd, an uair sin thug iad Popayán os làimhe agus, mu dheuireadh thall, chaidh López air adhart gu ruige Tocaima. Le sin, mhol Urdaneta sgur-cogaidh agus, an dèidh rèitichaidh, chuir esan ainm gu Còrdadh Apulo 28 an Giblean 1831.

Chaidh López a dh’ainmeachadh Ceannard an Airm ann am Bogotá am broinn an Riaghaltais aig Francisco de Paula Santander ann an 1832, agus Riaghladair air Cartagena de Indias ann an 1834. An dèidh sin bha e na mhinistear a’ Chogaidh is an Luingeis, thosgair chun na Bhatacain, Rùnaire na Dùthchannan Cèin, Còmhairliche na Stàite agus seanadair.

Bha ar-a-mach Tòraidh eile ann air sàilleabh gun do sheas cuid an aghaidh chur às dhan tràilleachd, gu seach àraidh anns a’ Chauca, le Julio Arboleda Pombo os a chionn. Chuir López ruaig orra. Bha an còmhstri uabhasach fuilteach ann an ceann a deas na dùthcha, gu h-àraidh ann an Cali. Bha an còmhstri eadar na uachdarain agus daoine a’ bhaile, leis na comhairlichean os an cionn, gu math cruaidh an siud. Dh’adhbharaich ruaig sealbhadairean nan tràilleallan tuilleadh ar-a-mach ann an Valle del Cauca, an turas sin le na seann tràillean agus daoine na dùthcha, a ghabh fàth air an t-suidheachadh airson na seann mhaighstirean a bhualadh agus airson sgrios a dheànamh dha na taighean agus feansaichean aca. Dh’ fheargair López an càineadh a fhuair e anns na meadhanan air a shon, is thuirt esan gur e dìreach ceartachadh deamocratach a bh’ ann an ùpraid sin.

Ceann-suidhe na Dùthcha[deasaich | edit source]

Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha 7 am Màrt 1849. Fhuair e taic bho na luchd-ceàraid agus na Buidhneanan Deamocratach (Spàinntis: Las Sociedades Democráticas). Ghabh e fàth air na sgaraidhean eadar na Tòraidh. Rinn e sreath dhe atharrachaidhean poiliteagach, eaconomach agus sòisealta fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais: chur às dhan tràilleachd, lagh an àiteachais, sgaradh na h-Eaglaise bhon Stàit, saorachadh na meadhanan agus feadaraileachd na dùthcha.

Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais thoisich e pròiseas cur às do dh’ àiteachan-glèidhidh nan Tùsanach, agus chuir e às do thoirmisg air reic na h-àiteachan-glèidhidh. Seo a’ chiad rud a dh’adhbharaich còmhstri eadar López agus na Buidhneann Democratach, ach chuidich sin Uachdarain às-mhalairte a’ bhidh, o chionns gun do bhrosnaich sin desplazamiento luchd-obrach Tùsanach gu ruige na sgìrean far an robhar a’ deànamh tombaca, leis nach robh an lus sin fo mhonopolaidh na Stàite nas motha. Dh’adhbharaich sin àrdachadh ann am prìsean a’ bhidh am broinn na dùthcha fhèin cuideachd, o chionns gu do sholarachadh deagh chuid stuth nan Tùsanach anns na h-àiteachan-glèidhidh am maragaidh sin aig prìsean uabhasach ìosal.

Chuir e an Comann Iosaid a-mach às an dùthaich a-rithist, dìreach còig bliadhna an dèidh gun do thill iad. Bha iad air a bhith a chur a-mach às an cuid sgoiltean agus miseanan anns na coilltean ro-làimhe. ‘Se fear dhe na co-dhunaidhean na bu chonnspaidiche a rinn e a bh’ann sin.

Cogaidhean Sìobhalta[deasaich | edit source]

Ann an 1854, dìreach bliadhna an dèidh gun do leig esan an ceannas, shabaid e ri taobh feachdan nam Libearalach agus nan Tòraidh an aghaidh ar-a-mach na Luchd-Chiùird. Chuir iad an Seanalair José María Melo às a’ chathair agus chuir iad siostam a’ mharagaidh-inmhalairt shaoir air dòigh.

Shabaid e ri taobh na libearalaich raidigeach airson feadaraileas na dùthcha agus fèin-riaghladh na Stàitean a dhìon anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1859 agus 1863. Chaidh López a thaghadh mar cheann-suidh na stàite Tolima, is thug e an dreuchd sin os làimhe nuair a ràinig e Neiva anns an Iuchar 1863. Ghabh e ris a bhith na thagraiche ceann-suidhe an Aonaidh Choloimbia ann an 1865, ach rinn Tomás Cipriano de Mosquera an gnothach airsan.

Dhùin an ceann-suidhe Mosquera an Còmhdhàil ann an 1867, ach chaidh esan a chur às a’ chathair an ceann greiseag. Chaidh López a dh’ainmeachadh mar Cheannard an Airm leis an Riaghaltas ùr aig Santos Acosta Castillo. Nuair a leig e am beatha poblach mu dheireadh thall, ghabhadh e air na oighreachdan aige, gus a chaochail e.

Gallaraidh[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Oifis a' Chinn-suidhe
  4. Oilthigh Cauca

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)