Eduardo Santos

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Eduardo Santos

Eduardo Santos Montejo 1.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1938 gu 7mh an Lùnasdal 1942
Ro-Theachdaire Alfonso López Pumarejo
Neach-Ionlaid Alfonso López Pumarejo
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 28mh an Lùnasdal 1888
Àite Bhreithe Bogotá ( Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 27mh am Màrt 1974
Àite a Bhàis Bogotá ( Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile Lorenza Villegas
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-poileataigs, fear-lagha, seanachaidh, fear-aithris

B’ e Eduardo Santos Montejo (Bogotá, 28mh an Lùnasdal 1888 — Bogotá, 24mh am Màrt 1974) fear-lagha, fear-poileataigs agus neach-aithris à Coloimbia. Bha e na bhall a’ Phàrtaidh Libearalach agus na Cheann-suidhe na poblachd eadar 1938 agus 1942. ‘S e mac Francisco Santos Galvis agus Leopoldina Montejo agus fear de shliochd Antonia Santos, curaidh na neo-eisimeileachd, a bh’ann. Phòs e Lorenza Villegas, agus cha d’ fhuair iad ach aon nighean (Clara) a bhàsaich nuair a bha i beag.[1]

Susbaint

[deasaich] Cùrsa-beatha anns a’ phoileataigs agus na meadhanan

A dh’aindeoin gu do bhàsaich athair òg (ann an 1900), b’ urrainn dhàsan lagha a dh-ionnsachadh aig a’ cholaiste Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario, ach thug e an ceum aige bho Oilthigh Nàiseanta Choloimbia is an uair sin shiubhail e gu Paris airson a chuidh fhoghlaim a choileanadh, is e ag ionnsachadh Litreachas agus Eòlas-comainn an siud. An dèidh a thilleadh dhan dhùthaich aige ann an 1909, thoisich e a dh’obair anns na meadhanan fo Tomás Rueda Vargas agus an uair sin anns a’ phàipear-naidheachd El Tiempo, a steidhich a bhràthair-cèile Alfonso Villegas Restrepo ann an 1911: cheannaich Santos am pàipear sin ann an 1913. Bha e na riochdaire dhe El Tiempo rè 25 bliadhna agus bho an sin dhìonadh esan beachdan a’ Phàrtaidh Libearalach agus chumadh e taobh le miannan phoileataigeach a’ Phàrtaidh.

A dh’aindeoin gur e fìor Libearalach a bh’ann, bha e fhèin an sàs ann an steidheachadh a’ Phàrtaidh Poblachdach, fo Carlos E. Restrepo Restrepo. Nuair a ràinig esan an Ceannas (19101914) dh’ainmich e Santos gu mòran dreuchdan aig ìre meadhanach ann am Ministrealachd na Dùthchannan Cèin. An dèidh gun do chuireadh às a’ Phàrtaidh Poblachdach, thill e dhan Phàrtaidh Libearalach (1921) agus air sàilleach a chliù mar fhear-aithris, chaidh e a dh’ainmeachadh riochdaire iomairt a’ chinneas aig Enrique Olaya Herrera, airson na taghaidhean ann an 1930. An dèidh a’ bhuaidh aige, chuir Olaya e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan Cèin agus a bharrachd air sin bha àite aige anns an t-Seanaidh rè an teirm sin (1930- 1934) agus bha e na Riaghladair ann an Santander cuideachd. An uair sin, rè an riaghaltais aig Alfonso López Pumarejo (19341938) bha e os cionn na Buidhne Coloimbianach aig Lìog na Nàiseanan.

[deasaich] Ceannas

Airson na taghaidhean ann an 1938 dh’aontaich na meadhanaich (leisesan) agus na adhartaich a’ Phàrtiadh Libearalach gum biodh an t-seann cheann-suidhe Olaya na thagraiche, ach nuair a dh’ eug esan anns An Ròimh ann an (1937) b’ fheudar dha na Libearalaich a thaghadh eadar Santos agus Darío Echandía Olaya, ach dh’fhàg esan an rèis is e ag aintheachadh gu robh a’ mhòr-chuid ri taobh Shantos. Bhuannaich Santos na taghaidhean a’ chinneas sin gun cho-fharpaiseach Tòraidh, leis nach do bhòtaich am Pàrtaidh sin.

[deasaich] Iomraidhean

  1. Leabharlann Luís Angel Arango

[deasaich] Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile