Simón Bolívar

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Simón Bolívar

Bolivar Arturo Michelena.jpg

Dùthchannan
Flag of Venezuela.svg A' Bheiniseala

Flag of Bolivia.svg Boilibhia


Flag of the Gran Colombia (1819-1820).svg Coloimbia Mhòr

Flag of Peru.svg Pearu

Ceann-suidhe na Bheiniseala 6mh an Lùnasdal 1813 gu 7mh an t-Iuchar 1814
Ro-Theachdaire Cristóbal Mendoza
Neach-Ionlaid José Antonio Paéz
Ceann-suidhe Choloimbia 17mh an Dùbhlachd 1819 gu 4mh an Cèitean 1830
Ro-Theachdaire Francisco de Paula Santander
Neach-Ionlaid Domingo Caycedo Santamaría
Ceann-suidhe Bhoilibhia 12na an Lùnasdal 1825 gu 29mh an Dùbhlachd 1825
Neach-Ionlaid José Antonio de Sucre
Ceann-suidhe Phearu 17mh an Gearran 1824 gu 28mh am Faoilleach 1827
Ro-Theachdaire José Bernardo de Tagle
Neach-Ionlaid Andrés de Santa Cruz
Ceann-Là Bhreithe 4mh an t-Iuchar 1952
Àite Bhreithe Caracas, A' Bheiniseala
Àite Bhàis Santa Marta, Poblachd Ghranada Ùire
Bean/Fear-Chèile María Teresa Rodríguez del Toro y Alaysa
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear, fear-poileataigs

B’e Simón Bolívar (IPA: si:mon bo:liβar, ainm fada: Simón José Antonio de la Santísima Trinidad Bolívar y Palacios Ponte y Blanco) saighdear agus fear-poileataigs às A' Bheiniseala. Rugadh e ann an Caracas air an 24mh latha dhen Iuchar 1783 agus chaochail e ann an Santa Marta, (Poblachd Ghranada Ùire) air an 17mh latha dhen Dhùbhlachd 1830.[1] Shaoraich e Aimearaga Laideann agus chuir e ruaig air feachdan na Spàinne. ‘S e a’ chiad ceann-suidhe Choloimbia a bh’ ann.

Teaghlach agus Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e daoine chumhachdail bheairteach le freumhan ann an Dùthaich nam Basgach a bh’ ann a theaghlach. Fhuair iad an sloinneadh bhon a’ bhaile bheag ris an canar Ziortza-Bolibar, ann am Bizkaia. Ràinig iad A' Bheiniseala anns an 16mh Linn. Bha oighreachdan mòra aca air feadh na dùthcha, tràillean agus mèinnean òir, airgid agus copair cuideachd. Cheannaich a sheannair tìotal uaisle ann an 1728.

‘S e cornailear a bh’ ann athair, Juan Vicente Bolívar y Ponte. Bhuineadh a mhàthair, María de la Concepción Palacios y Blanco, do theaghlach beairteach. Thogadh e ann an Caracas aig taigh Shimón Rodríguez, o chionns gun do bhàsaich athair nuair a bha Bolívar dìreach 2½ bliadhna a dh’aois, is a mhàthair nuair a bha e naoi. Bha e dlùth air Hipólita, tràill dhubh is i ga thogail an àite a phàrantan mairbh. Bha triùir peathraichean is bràthair na bu mhotha aige, Juan Vicente, María Antonia, Juana agus María del Carmen. Bhàsaich an tè mu dheireadh na leanabas. Thug Hipólita agus Simón Rodríguez buaidh mhòr air, is fhuair e na beachdan poiliteagach aige bhon fhear sin.

Fhuair e a chuid fhoghlaim bho sreath dhe oidean is tìdsearan ainmeil anns an dùthaich aige. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois chaidh e dhan sgoil saighdearachd Milicias de Veraguas. Bha athair air a bhith os cionn na sgoile sin o chion fhada is dh’ionnsaich e mòran a chleachd e anns na cogaidhean is iomairtean a rinn e an aghaidh na Spàinne. Choilean e a chuid fhoghlaim le turas gus An Roinn Eòrpa is thill e dhachaidh ann an 1807.

Phòs e ri boireannach Spàinnteach, María Teresa del Toro y Alayza, ann an Madrid ann an 1802. Chaochail i an ceann ochd mìosan anns A’Bheiniseal leis an fhiabhras bhuidhe.[2] Cha do phòs e ri tè neo tè a-rithist, ged an robh leanainn aige fad a bheatha, Manuela Saénz, boireannach beairteach à Quito.[3]

A’ Chiad Iomairt[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh Bolívar idir an sàs anns a’ chiad iomairt an aghaidh na Spàinne anns A’ Bheiniseala ann an 1809 ach ghabh e pàirt ann am misean gu Lunnainn ann an 1810 còmhla ri reubaltaich eile is iad ag iarraidh air an Rìoghachd Aonaichte gun tugadh iad taic dhaibh.[4] Rèitich e leis na daoine ann an Sasainn taobh mhalairt agus fiù’s choinnich e ris an Diùc Wellington.

Ghairm Caracas a chuid neo-eisimeileachd ann an 1811 nuair a bha An Fhraing a’ toirt ionnsaigh air An Spàinn air taobh thall a’ chuain.[5] Dh’ fhàs Bolívar a bhith na chornailear aig an àm sin is e fo òrdughan Miranda. Chaill na reubaltaich an iomairt sin is theich Bolívar bhon daingneach aig San Felipe ann an 1812 gus na h-oighreachdan aige. Rinn e brath air Miranda, thug e seachad e dhan na Spàinntich is le sin fhuair e cead-siubhail. Chaidh e gu Curaçao.[6] Dh’fhàg Bolívar is a càirdean air Miranda gun do rinn esan fhèin brath air a’ phoblachd aca.

Thill e gu Cartagena de Indias an ceann greis is e na oifigear leis na feachdan a bha a’ sabaid an aghaidh na Spàinne. Bha e cho soirbheachail leis an iomairt armailt a thug e ri taobh na h-aibhe Mhagdalena gun d’ fhuair e cead bhon riaghaltas airson ionnsaigh a thoirt air A’ Bheiniseala. Bha na reubaltaich ann an droch staing an siud, oir bha mòran de dhaoine air an iomairt a leigeil dheth is leis gun do thog na Spàinntich tòrachd chruaidh orrasan. Cha robh na daoine airson a bhith ga leantainn idir. Bha làn fhios aige gum b’ fheudar dha daoine na dùthcha a roinneadh bhon an Spàinn is bha e cinnteach dìreach cho cunnartach ‘s gum biodh na sgaraidhean eadar na reubaltaich fhèin dhan iomairt. Ghairm e Cogadh gu Bàs an aghaidh na Spàinne, is gheall e gum marbhadh e gach fear is tè, Spàinnteach neo Aimearaganach, nach tugadh taic dha na reubaltaich.[7] Ghabh e Caracas thairis ann an 1813 is ghairm e fhèin na Dheachdaire.

A’ dh’aindeoin sin, bha na daoine na aghaidh o chionns gu robh iad amharasach gur e dìreach gluasad daoine bheairteach nam bailtean a bh’ann na rinn e. Thug na llaneros, dròbhairean às an dùthaich is deagh shaighdearan cuideachd, an cuid taic dhan Spàinn is le sin chaidh e Caracas an an 1814. Chuir na reubaltaich an greim e is iad dhen bheachd gu robh e na bu choireach. B’ fheudar do Bholìvar an dùthaich fhàgail a-rithist. Bha an Rìgh Fernando VII air ais os cionn an riaghaltais thall anns an Spàinn is Napoléon an greim ann an Elba.[8][9] Le sin, chuir an Rìgh arm mòr air dòigh is chaidh na feachdan sin do dh’Aimearaga, far an do chuir iad ruaig air na reubaltaich.[10]

Air Fògradh[deasaich | deasaich an tùs]

Ràinig Bolívar Iaimeuca ann an 1815. Sgrìobh e litir fosgailte is e ag iarraidh air an t-saoghal gu lèir gum beireadh taic dha na reubaltaich. Cha d’fhuair e taic ach bho Haiti, poblachd bheag dhe seann thràillean. Chuir ceann-suidhe, Alexandre Pétion na dùthcha fàilte chridheil orrasan is taic airgid na lùib. Le sin, b’ urrainn dha na reubaltaich an iomairt aca a thoisich a-rithist. ‘S e Pétion fhèin a dhearbh do Bholívar gum bu choir dha saorsa a thoirt dha na tràillean air feadh Aimearaga-a-Deas. Thug e ionnsaigh air A’ Bheiniseala a-rithist ann an 1816. B’ urrainn dha an t-Eilean Margarita a ghlacadh, is corra bailtean air oirthir An Roinn Charaibeach cuideachd. A’ dh’aindeoin sin chaill e an iomairt is thill e gu Haiti, fiù’s gun do shaoraich na tràillean a dh’aontaich iad an t-arm aige.

Pearu[deasaich | deasaich an tùs]

Ràinig e Pearu air a’ chiad latha dhen Shultain 1823. Chuir an riaghaltas e os cionn na feachdan aca is nochd iomairt chruaidh an aghaidh Arm Righ na Spàinne. B’ fheudar dha na feachdan sin a’ sabaid shuas eadar na Beanntan na h-Andes agus ann an ceann a deas na dùthcha. Chaidh an ceann-suidhe Tagle a chur às an dreuchd agus thug an riaghaltas an dreuchd gu Bolívar. Leasaich e an t-arm is dh’aontaich e ne feachdan aige. Leis na h-atharrachaidhean sin, b’ urrainn dha na Pearuanaich an iomairt a bhuannachadh is cuir iad crìoch air buaidh na Spàinne anns an dùthaich aca air an 6mh latha dhen Dhùbhlachd 1824.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bolívarmo
  2. Solo Genealogia
  3. BBC
  4. UK in Mexico
  5. Venezuela Tuya
  6. Natalis
  7. Rena
  8. Biografías y Vidas
  9. History.com
  10. Efemeridades Venezolanas

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]