Bartolomé Calvo

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Susbaint

Bartolomé Calvo Díaz

Bartolomé Calvo.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of New Granada.svg Co-chaidreachas Ghranada
Teirm 1 dhen Ghiblean 1861 gu 18mh an t-Iuchar 1861
Ro-Theachdaire Mariano Ospina Rodríguez
Neach-Ionlaid Tomás Cipriano de Mosquera
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 19mh an t-Iuchar 1815
Àite Bhreithe Cartagena de Indias (Atlántico
Ceann-Là a Bhàis 2na am Faoilleach 1889
Àite a Bhàis Quito Eacuador
Bean/Fear-Chèile Margarita Caro Tovar
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-lagha, stàitire

B’e Bartolomé Calvo Díaz (Cartagena de Indias 24mh an Lùnasdal 1815 - Quito, Eacuador 20mh am Faoilleach 1889) fear-poileataigs, clò-bhuailtear, fear-lagh agus neach-aithris à Coloimbia[1], agus a bharrachd air sin bha e na Ceann-suidhe Choloimbia bho 1 an Giblean 1861 gu ruige 18mh an t-Ògmhios an aon bhliadhna[2]. Bha an teirm aige annasach o chionns gu robh cogadh sìobhalta ann agus oir nach robh e ga thaghadh gu deamocratach.

Beatha ron a’ Cheannas [deasaich]

Nuair a bha e na neach-aithris dh’obair e ann an caochladh phàipearan-naidheachd agus meadhanan eile mar "La Civilización", agus "La República". ‘S e riochdaire "Diario del Istmo" ann am Panama a bh’ann. Fhuair e dreuchdan anns a’ bheatha poblach an siud, mar ball pàrlamaid, riaghladair agus Rùnaire na Stàit Phanama. Ann uair sin, bha e na thagraiche gu Riaghaltas na Roinne Bolívar. Mu dheireadh thall chaidh e a thaghadh na Mhorair Tagraiche na Nàisein, agus bho an siud thug e a làmh air ceannas na Poblachd.

Ceann-suidhe na Poblachd [deasaich]

Shuidhe e anns a’ chathair mar Mhorair Tagraiche ann an 1859, aig àm Riaghaltas companach a’ phàrtaidh aige Mariano Ospina Rodríguez. Bha an ceannas falamh oir nach b’ urrainn dha na taghaidhean a dhearbhachadh 31mh am Màrt 1861, leis gu robh an dithis neach-ainmichte air dhìth. Mar sin, shuidhe Calvo anns a’ chathair mar cheann-suidhe 1 an Giblean 1861.

Bha coltas anabarrach aig a theirm goirrid dhe trì mìosan gu leth seair sgàth gu robh cogadh sìobhalta ann, agus chuir na Feachdan Libearlach ruaig air a’ Cho-Chaidreachas Ghranada. Thug an seanailear Tomás Cipriano de Mosquera sealbh air a’ bhaile.

Beatha an dèidh a’ Chinneas [deasaich]

An dèidh a bhith na Mhorair Tagraiche na Stàite, dh’fhàilnich e a dh’fhuirich os cionn an Riaghaltais, agus chaidh e a chur an greim còmhla ris na bràithrean aig Mariano Ospina Rodríguez. Theich e às a phrìosan ann am Bocachica agus ràinig e Eileanan a’ Chairibianach, far an robh e na chlò-bhuailtear is na fhear-lagha.

Thill e dhan dhùthaich anns na 1870an agus bha e na thagraiche a’ chinneas anns na taghaidhean dhe 1876. Cha d’fhuair e ach dà bhòt, bho na stàitean Tòraidh dhe Tolima agus Antioquia. Bhuannaich Aquileo Parra Gómez an taghadh.

Chaidh e do Ghuayaquil an uair sin, far an robh e os cionn chompanaidh naidheachd. Mu dheiredh thall dh’ainmich Rafael Núñez tosgair sònraichte y ministear làn-ughdarach gu Eacuador e, dreuchd a rinneadh e gus a bhàs, 20mh am Faoilleach 1889[3].

Dìleab [deasaich]

Tha an Leabharlann Bartolomé Calvo anns a' bhaile aige fhèin, Cartagena de Indias.

Iomraidhean [deasaich]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Liosta cinn-suidhe na dùthcha
  3. Leabharlann Luis Angel Arango


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: