Neach-ainmichte (Coloimbia)
'S e fear neo tè - ball an t-seanaidh neo ball a' chaibineit a-mhàin - ga thaghadh airson dreuchd a' Chinn-suidhe a dheànamh nuair a bhiodh esan air dhìth, tinn, marbh neo ga chur bho fheum, fo Bhun-Reachd Choloimbia dhe 1886. Bha an siostam sin uabhasach cudromach ann an dùthaich far an robh e glè dhoirbh dha na luchd-poileataigs a' phrìomh-bhaile a ruigsinn leis cho gann 's a bha deagh mhodhan-ghiulain. Mar eisimpleir, anns an nobhail 100 bliadhna dhe uaigneas le Gabriel García Márquez (1967), thug litir le fiosrachadh inntinneach bho Mhacondo, ann an ceann an tuatha na dùthcha, tòrr bhliadhna airson Bogotá a ruigsinn.[1]
A bharrachd air sin, bha an Seanaid airson a' chinn-suidhe fo smachd, leis gun do chleachd iomadh cheann-suidhe an dreuchd aca mar dheachdaireachd, mar eisimpleir Rafael Reyes ann an 1904[2]. Tha Coloimbia air tòrr chogadh sìobhalta a fhulang, is le sin b' fheudar dha iomadh cheann-suidhe na feachdan armachd a stiùireadh air an dùthaich, mar eisimpleir Pedro Alcántara Herrán ann an 1841[3]. Thaghadh an Seanaid an neach-ainmichte aige dìreach aig toiseach toisichidh gach uile Bliadhna reachdail, ged an robh an ceann-suidhe fhèin ga thaghadh leis an t-sluagh airson teirm dhe ceithir bliadhna. Seo Artagail 77 Bun-Reachd Choloimbia dhe 1886, a mìneachas an siostam[4]
Artagail 77.- Thaghaidh am Mòr-dhail, anns na coinneamhan coitcheann aige agus airson dà bhliadhna, an neach-ainmichte a ghabhas a làmh air a' Cheannas, ma bhios an Ceann-suidhe agus an leas ceann-suidhe air dhìth.[5]
Mhair an dreuchd dhe neach-ainmichte am broinn Bun-Reachd na dùthcha gu ruige 1991, nuair a nochd an dreuchd dhe leas ceann-suidhe làidir a-rithist.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ García Márquez, Gabriel (1967) Cien años de soledad. Editorial Sudamericana, Buenos Aires. ISBN 84-376-0494-X, duilleag 4
- ↑ Presidencia de Colombia
- ↑ Presidencia de Colombia
- ↑ Bun-Reachd Choloimbia 1886
- ↑ El Congreso elegirá en sus reuniones ordinarias y para un bienio, el Designado que ha de ejercer el Poder Ejecutivo a falta de Presidente y Vicepresidente.