Manuel Murillo Toro

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Manuel Murillo Toro

Manuel Murillo Toro.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Stàitean Aonaichte Choloimbia
Teirm 1 8mh an Giblean 1864 gu 1 dhen Ghiblean 1868
Ro-Theachdaire Tomás Cipriano de Mosquera
Neach-Ionlaid José María Rojas Garrido
Teirm 2 1 dhen Ghiblean 1872 gu 1 dhen Ghiblean 1874
Ro-Theachdaire Eustorgio Salgar
Neach-Ionlaid Santiago Pérez de Manosalbas
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 1 dhen Fhaoilleach 1816
Àite Bhreithe Chaparral (Tolima)
Ceann-Là a Bhàis 26mh an Dùbhlachd 1880
Àite a Bhàis Bogotá (Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile Ana Roma y Cabarcas
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan neach-teagaisg, fear-aithris, ùghdair

B’ e Manuel Murillo Toro, a rugadh ann an Chaparral, Coloimbia,[1] 1 am Faoilleach 1816 agus chaochail e ann am Bogotá, 26 an Dùbhlachd 1880) fear-poileataigs agus ùghdair à Coloimbia. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thurais airson a’ Phàrtaidh Libearalach.[2][3]

Beatha[deasaich | edit source]

Rugadh Manuel Murillo Toro ann am baile beag ris an canar Chaparral, anns an Tolima, ann an 1816. Chaidh e a chur gu Bogotá airson Leigheasachd ionnsachadh, ach leig esan an cùrsa sin airson an lagh ionnsachadh, agus dh’obair e airson Vicente Azuero agus Lino de Pombo nuair e na oileanach fhathast; thug e ceum ann an 1836.

Thoisich e a chuid obrach am broinn a’ Mhòr-dhail ann an 1837 agus bha e an siud rè Cogadh nan Àrdanach, (18401843), na fhear-chuideachaidh dhe corra cheann-feadhna a’ Phàrtaidh Libearalach. Fhuair e àite dhàsan fhèin anns a’ Phàrlamaid ann an 1846, agus nach e deagh òraidiche a bh’ ann, rinn e iomadh oraid gus a chuid bharaillean taobh bheachd-smuaintean agus an slighe air adhart a thoirt gu buill, is easan air a bhith gam brosnachadh anns na meadhanan libearalach bho thoiseach na 1840an. Bha e na Rùnaire (ministear) an Ionmhais anns an Riaghaltas aig José Hilario López (18491853), far an do bhrosnachadh e saorsa an gnìomhachais agus Lagh Ath-Leasachadh an Àiteachais dhe 1850, leis an t-Sluagh-ghairm Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn is an lagh sin a’ feuchainn ri smachd laghail a chur air trusadh an fhearainn aig fear neo dithis; chaidh sin neartachadh aig ìre a’ Bhun-Reachd mu dheireadh thall ann an 1936.

Tagraiche[deasaich | edit source]

Bha e na thagraiche Ceannas a’ Ghranada Ùire ann an 1857 (an t-ainm a bha air Coloimbia aig an àm) airson bhuidhne am broinn nam Libearalach, agus fhuair e an darna àite, ri chùlaibh an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez ach chuir e buaidh air an t-seann cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera (Tòraidh o shean ach a-nis tagraiche buidheann eile nam Libearalach).

Ceann-suidhe[deasaich | edit source]

Chaidh Stàit Uachdaranachd na Santander a chur air dòigh sa bhliadhna seo fhèin, agus Murillo Toro ga thaghadh do Bharail Riochdairean na Stàite mar a’ chiad cheann-suidhe aige airson teirm bho 16 an Damhair 1857 gu ruige 16 an Damhair 1859. Leig esan a dreuchd sin 10 am Faoilleach 1859 o chionns gun d’fhuair e àite anns an t-Seanadh. Ghabh Murillo Toro pàirt anns a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863. Le sin; fhuair an dùthaich Bun-Reachd ùr agus ainm eile: Stàitean Aonaichte Choloimbia. An ath-bhliadhna rinn Murillo Toro an gnothach ann an taghaidhean a’ chinneas airson teirm dhe dà bhliadhna gu ruige 1866, agus a-rithist airson teirm eile eadar 1872 agus 1874. Steidhich esan am pàipear fiosrachail an Riaghaltais, an Diario Oficial (Am Pàipear Oifigeil). Cho-dhùin e gur e prìomh amas obair an Riaghaltais Sìth Sòisealta a lorg, tro mheadhan a’ chòmhradh. A bharrachd air sin, chuir e ùrachadh bun-structar na dùthcha air dòigh: mar eisimpleir, thug e an Dealan-spèid a Choloimbia, a dh’aindeoin a chuid ghràin sgafanta an aghaidh eadar-theachdachadh na Stàite anns an Eaconomaidh. Le sin, ‘s e dìreach esan fhèin a chuir air bhog an smaoineachadh poiliteagach, ris an canar Libearalas Raidigeach.

Sgrìobhaidhean[deasaich | edit source]

Taobh a chuid obrach anns na meadhanan agus mar ùghdair, steidhich e Gaceta Mercantil de Santa Marta, (Pàipear-naidheachd Marsanta dhe Santa Marta) ann an 1847 agus bha e an sàs ann an caochladh pàipearan eile. Chuir a bhàs, aig deireadh 1880, crìoch air a’ bhuaidh a bheireadh na smaointean libearalach-raidigeach air Riaghaltas an nàisein, o chionns gun robh làmh an iuchair aig sreath dha riaghaltasan Tòraidh rè faisg air 50 bliadhna. chuimhne air na adhartasan taobh a’ chonaltraidh a rinn e. Chaidh am pàirc ball-coise Manuel Murillo Toro ann an Ibagué, prìomh-bhaile na Tolima, a chur air dòigh mar chuimhne airsan.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)