Alberto Lleras Camargo

O Uicipeid
Alberto Lleras Camargo
ambassador of Colombia to the United States (en) Translate


Ministear Chùisean Cèin Choloimbia

12 dhen Ghearran 1945 - 7 dhen Lùnastal 1945
Darío Echandía Olaya
1. Àrd-rùnaire Buidheann nan Stàitean Aimeireaganach

7 dhen Ògmhios 1947 - 31 dhen Iuchar 1954 - Carlos Dávila
20. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1958 - 7 dhen Lùnastal 1962
Gustavo Rojas Pinilla - Guillermo León Valencia
Beatha
Ainm slàn Alberto Lleras Camargo
Breith Bogotá, 3 dhen Iuchar 1906
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 4 dhen Fhaoilleach 1990
Àite-adhlacaidh Bogotá
Teaghlach
Cèile Bertha Puga (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Universidad Externado de Colombia (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, dioplomat agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Colombian Academy of History (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B' e neach-aithris, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alberto Lleras Camargo (Bogotá, 3 an t-Iuchar 1906 – ibidem, 4 am Faoilleach 1990).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às An t-Sile ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] B’ e boireannach uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu robh a h-athair na dheachdaire thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na oghaichean le Carlos Lleras Restrepo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1966 agus 1970.

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Lleras Camargo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar bhall-pàrlamaid ann an 1931 agus an ceann seachd bliadhna stèidhich e pàipear-naidheachd air an robh El Liberal,[3] air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e prìomh-amas a' phàipeir Pumarejo a thaghadh. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1945 gu ruige 1946 (gu h-eadar-amail)[4] nuair a leig López Pumarejo a dhreuchd agus an uair sin bho 1958 gu ruige 1962. Thug e piseach air an eaconomaidh agus dh'aontaich e an dùthaich - agus an dà phàrtaigh - an dèidh bliadhnaichean na deachdaireachd. Bhris e dàimhean dioplòmasach ri Cuba.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Colombia
  2. Geni
  3. Publicaciones Periódicas en Antioquia 1814-1960: Del Chibalete a la Rotativa. María Cristina de Arango.
  4. El Tiempo
  5. LAC