Clímaco Calderón
Clímaco Calderón Reyes
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 21mh an Dùbhlachd 1882 gu 22mh an Dùbhlachd 1882 |
| Ro-Theachdaire | Francisco Javier Zaldúa |
| Neach-Ionlaid | José Eusebio Otálora |
| Pàrtaidh | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
| Ceann-Là Bhreithe | 23mh an Lùnasdal 1852 |
| Àite Bhreithe | Santa Rosa de Viterbo (Boyacá) |
| Ceann-Là a Bhàis | 19mh an t-Iuchar 1913 |
| Àite a Bhàis | Bogotá (Cundinamarca) |
| Bean/Fear-Chèile | Amelia Pérez Triana |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | fear-lagha, neach-teagaisg, ùghdair, riochdaire dioplòmasach |
Rugadh Clímaco Calderón Reyes ann an Santa Rosa de Viterbo, Boyacá, Coloimbia[1], 23mh an Lùnasdal 1852 agus chaochail e ann am Bogotá 19mh an t-Iuchar 1913. B’ e fear-lagha agus fear-poileataigs a thug ceum bhon Cholaiste (a-nis Oilthigh) Nuestra Señora del Rosario, bha e an sàs ann an iomadh bhuidheann laghail agus Àrd-Cùirt A’ Cheartais, bha e na mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) agus na Dùthchannan Cèin, agus chaidh a dh’ainmeachadh consal ann an Eabhraig Nuadh agus a bharrachd air sin bha e na neach-ainmichte gu ceannas na poblachd agus an uair sin bha e na mhinistear làn-ùghdarach (tosgair) anns na Stàitean Aonaichte. Stiùireadh e an irisleabhar “La América” rè mòran bhliadhna. Sgrìobh e leabhraichean cudromach mu dheidhinn an eaconamaidh agus fhuair cliù mar sàr òraidiche. Fhad ‘s a bha e na Fhiosgal Coitcheann na Nàisein, shuidhe e anns a’ chathair bho 21mh gu 22mh an Dùbhlachd 1882, air sgàth gun do bhàsaich an ceann-suidhe Francisco Javier Zaldúa. Thug e sealbh air a’ chinneas[2]. ri beulaibh na luchd-fianais Hermógenes Wilson (cathraiche an Àrd-Cùirt) agus Pedro José Sarmiento (Ceannard Airm Nàiseanta Choloimbia). 'S e an teirm a' chinneas a bu ghiorra ann an eachdraidh na dùthcha a bh'aige.[3] Phòs e Amelia Pérez Triana, nighean Santiago Pérez de Manosalbas, seann cheann-suidhe na dùthcha.
Iomraidhean[deasaich]
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón