Rafael Reyes

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Rafael Reyes Prieto

Rafael Reyes.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1904 gu 27mh an t-Iuchar 1909
Ro-Theachdaire José Manuel Marroquín
Neach-Ionlaid 1) Ramón González Valencia 2) Carlos E. Restrepo Restrepo
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 5mh an Dùbhlachd 1849
Àite Bhreithe Santa Rosa de Viterbo ( Boyacá)
Ceann-Là a Bhàis 18mh an Gearran 1921
Àite a Bhàis Bogotá ( Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile Sofía Angulo Lemus
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan stàitire, saighdear

'S e ceann-suidhe Choloimbia[1] a bh'ann José Gregorio Ambrosio Rafael Reyes Prieto (Santa Rosa de Viterbo ann am Boyacá 5mh Dùbhlachd 1849 - Bogotá 18mh Gearran 1921)[2] [3]. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dìreach an dèidh Cogadh na Mìle Làithean bho 7mh Lùnasdal 1904 gu 27mh Iùl 1910[4]. 'S e Toraidh a bh'ann.[5]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn Rafael Reyes, còmhla ri an dithis bhràthar aige, taisgleadh air an abhainn Ica (neo Putumayo an latha an-diugh)[6] ann an ceann a deas na dùthcha. Sruthaidh am Putumayo dhan abhainn Amazonas agus mu dheiredh thall gu Braisil[7]. Lorg iad àiteachan làn rubair agus cairt-gheal (quinine), dà lus troipgeach gu math inntinneach taobh às-mhalairte aig an àm ud sin. Chaochail an dithis bhràthar an siud: fear dhe tinneasan na coilltean, agus mharbh na Tùsanaich am fear eile. 'S e fìor churaidh a bh'ann cuideachd, agus ghabh e pàirt anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1885 agus 1895: thug e cliù dhàsan fhèin, is chuir e às gu cruaidh fuilteach ar-a-mach ann an Cauca. Ann an 1889 chuir e às ar-a-mach ann am Panama, a bha pàirt na dùthcha fhathast. An dèidh a bith na sheanalair bha e na mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) le dleastanas airson malairt fo cheann-suidhe Rafael Nuñez Moledo. Bha e thall thairis rè Cogadh na Mìle Làithean mar Tosgair ann am Paris, rud a chuidich e a bhith na cheann-suidhe an a dhèidh.

Beatha ann am Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1904 fhuair e an Ceann-shuidheas le taic bhon a' phàrtaigh Tòraidh (Los Conservadores), agus an dùthaich ann am fìor dhroch staing an dèidh Panama a chall. Thuirt esan aig toiseach toisichidh an teirm aige:

“...Tha a h-uile dòchas againn gun do ràinig sinn àite as ìsle an dragh ma-thà, agus gum bi àm a thoiseachadh dhuinn airson a bhith a dh'èirich suas dhan bheartas agus dhan mhòrachd...”[8]

Cha robh sin cho furasda a dheànamh. Aig an toiseach, bha e airson aonadh nàiseanta a bhrosnachadh, tro leasachadh na dùthcha agus malairt. Cha b'urrainn dha sin a dheànamh idir, leis cho làidir 's a bha na dùbhlanaich. Le sin, dh'atharraich e a chuid phoilasaidhean gu tur, agus an ceann greiseag, bha dìreach na dheachdaire[9]. Fhuair e cuidhteas air a' phàrlamaid tro èigheachd, is na buill pàrlamaid dhan phrìosan. Chuir e Ministrealachd an Ionmhais agus Ministrealachd na Cìsean ri chèile, gus airgead a shàbhlachadh agus lorg e iasdan eadar-nàiseanta gus an dùthaich a leasachadh. A bharrachd air sin, chruthaich e banca agus feachdan armachd nàiseanta agus ath-stèidhich e càirdeas dioplomasach leis A' Bheiniseala[10].

Sgaoil e am teirm aige gu ruige 1919 tro èigheachd eile, ach cha do mhair ann an dreuchd aige na bu fhaide na 1909, air sàilleabh ùpraidean agus aimhreit air feadh na dùthcha, gu h-àraidh aig na oilthighean. Bha e air fheuchdainn ainm a chur ri aontaidhean poiliteagach còmhla ri na Stàitean Aonaichte agus Panama, mu dheidhinn neo-eisimealachd an t-seann Roinne sin. Leig esan an dreuchd agus chaidh e thall thairis na fhògarrach poiliteagach anns an t-Og-mhìos 1919. Thill e air ais dhachaigh ann an 1920, agus dh'eug e le galar-clèibh ann an 1921.[11]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Presidents of the Americas, Georgetown University
  5. http://www.britannica.com/EBchecked/topic/500747/Rafael-Reyes Encyclopedia Britannica
  6. Oifis a' Chinn-suidhe],
  7. Dùthchannan aig SMO
  8. Grandes Oradores Colombianos: Rafael Reyes, Antonio Cruz Cárdenas
  9. Reyes Dictator of Colombia, New York Times, 20th September 1905
  10. Dùthchannan aig SMO
  11. Oifis a' Chinn-suidhe


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: