Juan Manuel Santos Calderón

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Juan Manuel Santos Calderón

Santospresidente.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 1 7mh an Lùnasdal 2010 gus an latha an-diugh
Ro-Theachdaire Álvaro Uribe
Neach-Ionlaid
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia Primero Colombia
Ceann-Là Bhreithe 10mh an Lùnasdal 1951
Àite Bhreithe Bogotá Cundinamarcaa
Bean/Fear-Chèile María Clemencia Rodríguez de Santos
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-aithris

‘S e fear-poileataigs, fear-aithris agus eòlaiche-eaconomaidh à Coloimbia[1]. a th’ ann Juan Manuel Santos Calderón. Rugadh e air an 10mh latha dhen Lùnasdal 1951 ann am Bogotá. Tha e air a bhith na cheann-suidhe na dùthcha bhon an 7mh latha dhenLùnasdal 2010. An dèidh a bhith an sàs anns na meadhanan thòisich e ann an saoghal poilitigeach mar bhall a’ Phàirtidh Libearalach is bha e os cionn ministrealachd na Malairt Eadar-nàiseanta fo Chésar Gaviria. An uair sin leig e am Pàrtaidh Libearalach is chaidh e dha na Tòraidh fo Andrés Pastrana Arango is e na Mhinistear a’ Mhaoineachaidh. Dh’fhàsadh e na bu treasa is na bu treasa am broinn an Riaghaltais aig Álvaro Uribe, a ghabh thairis a’ chinneas ann an 2002, Chuir e na Libearalaich ris a chùlaibh gu tur agus bha còmhla ris an fheadhainn a stèidhich Pàrtaidh an Aonaidh Nàiseanta (Spàinntis: Partido Social de Unidad Nacional). Chaidh e ainmeachadh mar Mhinistear an Dìona ri linne an Riaghaltais aig Uribe bhon Iuchar 2006 gu ruige Chèitein 2009. Ghabh Santos thairis ceannas na dùthcha air an 7mh latha dhen Lùnasdal 2010 airson an teirm bho 2010 gu 2014.

Teaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

Buinidh e do na Santos, teaghlach a tha air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh na dùthcha. ‘S e am fear-naidheachd Enrique Santos Montejo, far-ainm "Calibán", a bh' ann a sheanair agus b’ e bràthair a sheanair, Eduardo Santos, na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1938 agus 1942, is bha e os cionn a’ pàipeir-naidheachd El Tiempo cuideachd. [2] ‘S e co-ogha Francisco Santos Calderón, seann leas cheann-suidhe Choloimbia, a th’ann co-dhiù. Tha Santos pòsta le María Clemencia Rodríguez de Santos agus tha triùir daoine-chloinne aca, María Antonia, Martín agus Esteban.[3]

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

Thug Juan Manuel Santos ceum ann an Eaconamaidh agus Rianachd ghnothaichean aig an Oilthigh Kansas, anns na Stàitean Aonaichte. An uair sin fhuair e maighstireachd ann an Eaconomachd agus Leasachadh Eaconamach aig an LSE ann an Lunnainn agus maighstireachd eile ann an Rianachd Phoblach aig an Oilthigh Harvard.

A bharrachd air sin, fhuair e tabhartas bhon a’ Bhuidhne Fulbright aig Sgoil Fletcher an Lagha agus na Dioplomasachd aig an Oilthigh Tufts, agus tabhartas eile bhon a’ Bhuidhne Nieman airson Naidheachdais aig Oilthigh Harvard. Tha e air dotaireachd Honoris Causa ann an Lagh fhaighinn cuideachd.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Cambio, "Pretenden sacarme del juego político"
  3. msn.com Colombia: La Madre y la Política, María Clemencia Rodríguez de Santos

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: