Carlos E. Restrepo Restrepo

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Carlos Eugenio Restrepo

Carlos Eugenio Restrepo Restrepo.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1910 gu 7mh an Lùnasdal 1914
Ro-Theachdaire Ramón González Valencia
Neach-Ionlaid José Vicente Concha
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 12mh an t-Sultain 1867
Àite Bhreithe Medellín ( Antioquia)
Ceann-Là a Bhàis 6mh an t-Iuchar 1937
Àite a Bhàis Medellín ( Antioquia)
Bean/Fear-Chèile Isabel Gaviria Duque
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-lagha, fear-aithris

B´e Carlos Eugenio Restrepo (Carlos E. Restrepo) fear-lagha agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Rugadh e ann am Medellín, air 12mh an t-Sultain 1867 agus chaochail e an-siud fhein air 6mh an t-Iuchar 1937. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1910 agus 1914.[2][3]

´S e mac Pedro Antonio Restrepo agus Cruzana Restrepo Jaramillo a bh´ann. Thoisich e air an lagh a dh´ ionnsachadh aig Àrd Institiùd an Ionnsachaidh (Spàinntis: Instituto de Enseñanza Superior) ach leig e an oithigh nuair a thoisich an cogadh sìobhalta dhe 1885. A bharrachd air sin, bha e an sàs anns a´ Chogadh na Mìle Làithean, mar cheann-fheadhna air na feachdan aig an Tòraidh Pedro Nel Ospina Vásquez. An uair sin dh´ionnsaich e lagh na aonar is mu dheireadh thall dh´obair e mar fhear-lagh ann an oifis laghail an athar aige.

Bha sàr chùrsa beatha spaideil aige, is ruig e a bhith na cheann-suidhe na dùthcha. Phòs e Isabel Gaviria air 16mh dhen Ghiblean 1890. Fhuair iad naoinear daoine-chloinne ri chèile, Margarita, bean an fheallsanaiche Fernando González nam measg. Le teirm a´chinneas aige seachad, thill e gu Medellín far an robh e an sàs anns an gnìomhachas prìobhìaideach. Chaidh e air ais gu saoghal a´phoileataigs is e an sàs anns an Riaghaltas aig Enrique Olaya Herrera mar mhinistear an Riaghaltais is mar thosgair ann an Cathair na Bhatacain. Bhàsaich e san taigh aige ann am Medellín leis an fhiabhras-clèibhe, air 6mh an t-Iuchar 1937.

[deasaich] Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile