Julián Trujillo Largacha
Susbaint |
Julián Trujillo Largacha
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 1 dhen Ghiblean 1878 gu 1 dhen Ghiblean 1880 |
| Ro-Theachdaire | Aquileo Parra Gómez |
| Neach-Ionlaid | Rafael Núñez |
| Pàrtaidh | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
| Ceann-Là Bhreithe | 28mh am Faoilleach 1828 |
| Àite Bhreithe | Popayán |
| Ceann-Là a Bhàis | 18mh an t-Iuchar 1888 |
| Àite a Bhàis | Bogotá |
| Bean/Fear-Chèile | Dolores Carvajal Espinosa |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | Fear-lagha, saighdear, fear-poileataigs |
B’e Julián Trujillo Largacha stàitire, fear-lagha, fear-poileataigs agus saighdear à Coloimbia[1]. Rugadh e ann am Popayán air an 28mh latha dhen Fhaoilleach 1828 agus chaochail e ann am Bogotá air an 18mhlatha dhen Iuchar 1883. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1878 agus 1880. Ged an tug e ceum anns an Lagh, thug an t-airm buaidh na bu treasa na a chuid trèanaidh laghail air a’ ghaisgeach sin. Shabaid esan, mar iomadh cheann-suidhe na dùthcha rè an 19mh linn, an aghaidh an deachdaire José María Melo, a thuilleadh air Riaghaltas A' Cho-chaidreachas Ghranada a bha aig Mariano Ospina Rodríguez. ‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich a bh' ann, agus bheireadh e pàirt ann am mòran cho-labhairte ri taobh na Libearalaich. Bha e na mhinistear na Stàite, Ceann-suidhe Stàit Fèin-Riaghlach A’ Chauca, ceannard sìobhalta agus armachd Stàit Fèin-Riaghlach na h-Antioquia a measg dreuchdan eile.[2][3]
Ceannas na Poblachd [deasaich]
Ach gu dearbh, 's e leis gu robh Julian Trujillo os cionn na feachdan a chuir às na Tòraidhean a rinneadh ar-a-mach armachd rè a’ cheannais aig Aquileo Parra Gómez a cho neartaich an co-dhùnadh aige ri sheasamh mar thagraiche làidir gu Ceannas na Poblachd. Rinn Trujillo an gnothach gu math furasda air a’ cho-fharpaiseach na bu dhlùithe air, an Seanalair Tomás Rengifo, Riaghladair Stàit na h-Antioquia, leis gun do bhuannaich na feachdan aige Blàr los Chancos (Roinn Valle del Cauca an latha an-diugh). Tha e uabhasach cudromach gun do rinn Manuel Murillo Toro, seann cheann-suidhe agus ceannard nam Libearalach, dubh chàineadh air Trujillo mar thagraiche air sàilleabh gum biodh esan comasach air cus ghèilleadh a dhèanamh dha Núñez, agus le sin an cumhachd a thoirt dha na Tòraidhean, rud a mhilleadh na h-adhartasan a rinneadh na daoine radaigeach rè 25 bliadhnachan anns an Riaghaltas.
Agus le sin, thathar dhen bheachd gur e Trujillo a chur air gleus an t-slighe airson an Ath-Bheòthachaidh a chuir Rafael Núñez agus am Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia, air bhog eadar 1882 agus 1886.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean A-mach [deasaich]
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón