Jorge Holguín Jaramillo

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Jorge Marcelo Holguín Jaramillo

Jorge Holguin.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 1 9mh an t-Ògmhios 1909 gu 4mh an Lùnasdal 1909
Ro-Theachdaire Rafael Reyes
Neach-Ionlaid Ramón González Valencia
Teirm 2 11mh an t-Samhain 1921 gu 7mh an Lùnasdal 1922
Ro-Theachdaire Marco Fidel Suárez
Neach-Ionlaid Pedro Nel Ospina Vásquez
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 30mh an Dàmhair 1848
Àite Bhreithe Cali (Valle del Cauca)
Ceann-Là a Bhàis 2na am Màrt 1928
Àite a Bhàis Bogotá Cundinamarca
Bean/Fear-Chèile Cecilia Arboleda Mosquera
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear, stàitire

B’ e an Seanailear Jorge Marcelo Holguín Jaramillo 30mh (an Damhair 1848, Cali) – 2 (am Màrt 1928, Bogotá), na Cheann-suidhe Choloimbia dà thurais. ‘S e stàitire, saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia,[1] agus bha e na cheann-suidhe Choloimbia bhon an t-Ògmhios gu ruige an Lùnasdal 1909, agus an uair bhon an t-Samhain 1921 gu ruige an Lùnasdal 1922 mar neach-ainmichte gach uile turas. Bha an teirm aige ainmichte airson leasachadh Rèile an Tuatha is Rèile a’ Chuain Sèimh agus a bharrachd air sin chuir e ainm dhan Chòrdadh Holguín - Avebury nuair a bha e na mhinistear na Dùthchannan Cèin.[2][3]

Trèanadh agus Cùrsa Beatha anns an Airm[deasaich | deasaich an tùs]

"Na nìthean nach ionnsaich e anns na leabhraichean, dh’ionnsaich e eadar na daoine iad; na rudan nach òl e leis na ùghdairean clasaigeach, fhuair e iad anns a’ bheatha fhèin". Bha Jorge Holguín an sàs anns a’ ghnìomhachas agus bha deagh fhortan aige. Bha deagh fhios aige air na cuspairean eaconamach agus bha eòlaiche air an lagh eadar-nàiseanta. Fhuair e oideachas daonnaire – fhèin-foghlaimichte.

A bharrachd air sin, ‘ s e saighdear cliùiteach a bh’ann. Thug e pàirt anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1876 agus 1878 an aghaidh Aquileo Parra Gómez agus chaill e Blàr Puente del Común. A dh’aindeoin sin, chaidh e a dh’ainmeachadh Seanailear air sàilleabh na rudan a rinn e aig Blàr Cruz Colorada anns a’ chogadh dhe 1895.

Sgrìobh esan anns an fhèin-eachdraidh aige: «’S e an cogadh an rud nas uabhasaiche a thachras dhan dhuine. Tha mi a’ cuimhneachadh dìreach an dèidh Bhlàir Enciso, thachairt mi dlùth air a’ bhlàr fhad ‘s a bha mi a’ dèanamh obair iol-fhillte airson an t-Seanaileir Reyes, is chunnaic mi fear dhe na seallaidhean na b’ oillteil gum faod sinn fhaicinn. Eadar a h-uile àlainneachd nàdarra, bha na pàircean làn cuirp is closaich. Bha an fheadhainn fo leòin, leis an cuid chinn is gach uile cnàmh bhriste, a’ caoineadh gu doirbh.>>

Cùrsa Beatha Poileataigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Ministear[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e fìor dhìonadair a’ Phàrtaidh Tòraidh a bh' ann, dìreach bhon toiseach tòisichidh aige anns a’ poileataigs agus fo armaibh agus le sin fhuair e sreath dhe dreuchdan eadar-dhealaichte.

Bha e na Mhinistear an Ionmhais anns an Riaghaltas aig Rafael Núñez agus fhad ‘s a bha e anns an dreuchd sin rèitich e ais-tharraing nan Aimearaganach bho Phanamá, air an tug iad sealbh ann an 1885.

Bha e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan an Cèin rè a’ chinneas aig Miguel Antonio Caro Tovar agus an dèidh bha e na Mhinistear a’ Chogaidh anns na Riaghaltasan aig Manuel Antonio Sanclemente agus Rafael Reyes. An turas sin b’ fheudar dhasan ainm a chur ris a’ Chòrdadh Holguín-Avebury mu co-aonachadh na h-iasadan eadar-nàiseanta aig Coloimbia. Airson an còrdadh a rinn e còmhla ris a’ Mhorair Avebury a dhìon, sgrìobh e an leabhar <<Desde Cerca>> (Bho dlùth air). Rinn an neach-dùbhlain Santiago Perez Triana atharrais airsan anns an leabhar eile air an robh <<Desde Lejos>> (Bho fhada às).

Teaghlach agus Beatha Pearsanta[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Jorge Holguín Mallarino ann an Cali ann an 1848, mac Vicente Holguín Sánchez agus Maria Josefa Mallarino Ibargüen. Tha e inntinneach gu robh an dithis theaghlach uabhasach làidir anns a’ phoileataigs aig ìre nàiseanta anns an 19mh linn: bha bhràthair athar Manuel María Mallarino agus a bhràthair Carlos Holguín Mallarino air a bhith nan cinn-suidhe na Poblachd. Chuir e a’ chiad chuid fhoghlaim ri taobh an ùghdair Eustaquio Palacios, a sgrìobh "El Alférez Real" agus air an robh Holguín glè dhòigheil.

Phòs e Cecilia Arboleda Mosquera, nighean Julio Arboleda Pombo agus an uair sin Sofía Mosquera Hurtado. Bha dusan duine chloinne aige.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luís Angel Arango