José María Obando

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

José María Ramón Obando del Campo

José María Obando.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of New Granada.svg Poblachd Ghranada Ùire
Teirm 1 23mh an t-Samhain 1831 gu 10mh am Màrt 1832
Ro-Theachdaire Domingo Caycedo Santamaría
Neach-Ionlaid José Ignacio de Márquez Barreto
Teirm 2 1 dhen Ghiblean 1853 gu 17mh an Giblean 1854
Ro-Theachdaire José Hilario López
Neach-Ionlaid José María Melo
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 8mh an Lùnasdal 1795
Àite Bhreithe Güenque, Corinto Cauca
Ceann-Là a Bhàis 29mh an Giblean 1861
Àite a Bhàis El Rosal Cundinamarca
Bean/Fear-Chèile 1) Dolores Espinosa de los Monteros Mesa 2) Timotea Carvajal Marulanda
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear

B’e José María Ramón Obando del Campo (Güenque, Corinto, Cauca, 1795 - Cruz Verde, El Rosal, Cundinamarca 1861) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia[1], is ceann-suidhe na Poblachd eadar 1853 agus 1854.[2][3]

Cogadh na Neo-eisimeileachd[deasaich | edit source]

Thug an t-uchd-mhacair aige, gu Pasto e ann an 1811, còmhla ris a’ mhòr-chuid dhe na Spàinntich eile agus daoine dhe shliochd na bu dhlùithe orra. B’ e leas còrnaileir na Feachdan Rìoghail, ach dh’aontaich e le Feachdan na Neo-eisimeileachd 7mh an Gearran 1822 agus stiùir esan an còmhstri a bhuadhaich air na Rìoghairean ann am Pasto. Thug an Seanailear Francisco de Paula Santander ùghdarras sìobhalta agus armachd a’ bhaile dhàsan. Phòs e Dolores Espinosa de los Monteros, is fhuair iad sianar duine-chloinne còmhla, mus do bhàsaich ise ann an saothair-chloinne an fhir mu dheireadh. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig Oilthigh Cauca.[4]

Coloimbia Mhòr[deasaich | edit source]

Rinn e ar-a-mach còmhla ri José Hilario López an aghaidh an Riaghaltais aig Simón Bolívar ann an 1828. An dèidh a’ bhuadhachais fhaighinn aig La Ladera, chaidh Obando air ais gu Pasto agus fhuair e aonta còmhla ri Bolívar, a dh’ àrdaich e gu seanailear e ann an 1829 ann an Guayaquil, agus dh’ainmich e Ceannard Coitcheann Roinn A’ Chauca. Chaidh e a chur an greim is iad a fàgail air gu robh e ri cùlaibh cur gu bàs a’ Mharasgal Antonio José de Sucre ann an 1830, ach cha robh na casaidean sin a dhearbhachadh a-riamh.

Nuair a leig Bolívar a dreuchd anns an t-Sultain 1830 chuir an seanailear, Rafael Urdaneta, a bha às leth Bolívar, an ceann-suidhe Joaquín Mosquera às a’ chathair, ged an robh e ainmichte leis a’ Mhòr-dhail. Cho-ghairm Obando agus càch Barrail A’ Chauca ann am Buga agus chuir iad airm air dòigh, a bhuannaich faisg air Palmira aig Blàr Papayal, 10mh an Gearran 1831, an dèidh a bhàsaich Bolívar. An uair sin chaidh e a dh’ainmeachadh leas ceann-suidhe na Poblachd Ghranada Ùr leis a’ Cho-cruinneachadh Steidheachaidh. Ann an Gearran 1832 bha e an sàs ann an Bun-Reachd Ùr a mholadh, air an do chuir e buaidh dheamocratach.

Poblachd Ghranada Ur[deasaich | edit source]

Bhuannaich Santander mar cheann-suidhe agus José Ignacio de Márquez Barreto mar leas ceann-suidhe anns na taghaidhean ann an 1832. Chaidh Obando a dh’ainmeachadh Ministear A’ Chogaidh, ach b’fheudar dhàsan am ministrealachd a leigeil airson còmhrag a dheànamh ann an Nariño, gus an roinn sin fhaighinn air ais an dèidh iom-ruaidh Juan José Flores, agus dh’fhuireach e ann am Popayán an a dèidh. Chruthaich Obando Comann Bhun-Fhoghlaim (Sociedad de Educación Primaria) anns a’ bhaile ann an 1833, a’ chiad tè a chaidh a steidheachadh anns an dùthaich. Bha Obando dhen bheachd gur e bun-foghlaim a bh’ann bhunait an oideachais dheamocratach. Phòs e Timotea Carvajal Marulanda ann an 1836, an darna turas aige, agus fhuair iad còignear duine-choinne.

Rinn e ar-a-mach an aghaidh a’ chinn-suidhe José Ignacio de Márquez ann an 1840. Chaill e aig La Chanca, faisg air Cali, 11mh an t-Iuchar 1841. Lean iad tron cheann a deas na dùthcha e, is esan a’ teiche seachad na h-Aibhnichean Putumayo agus Amazonas gu ruige Pearu. Dh’fhuirich e ann am Lima, far an d’fhuair e comraich phoileataigeach bhon cheann-suidhe, an Seanailear Juan Crisóstomo Torrico. Chuir Francisco Vidal esan às a’ chathair, agus an uair sin b’ fheudar dha Obando a theich dhan Sile, far an robh e na charaid aig iomadh fhògarraich mar Dhomingo Faustino Sarmiento, Andrés Bello agus càch.

Chuir e taic dha José Hilario López mar thagraiche do Cheannas na Poblachd ann an 1849. Thill e dhan dhùthaich aige ann am Màrt 1849 air sàilleabh a’ mhathanais a fhuair e sa’ bhliadhna sin agus chaidh e a dh’ainmeachadh Riaghladair air Cartagena de Indias le lópez. Chaidh e a thaghadh do Mhòr-dhail nan Riochdairean ann an 1850, far an robh e na Oifigear Riaghlaidh.

Chaidh e a thaghadh Ceann-suidhe na Poblachd ann an 1853 le taic bho López agus Buidhneann Dheamocratach na luchd-cheàirrde agus bha e uabhasach mòr-chòrde. Suidhe e san chathair 1 an Giblean. Bha beag-chuid aige anns a’ Mhòr-dhail, leis gun do rinn na Libearalaich “gólgotas” aonta còmhla ris na Tòraidhean an aghaigh an Riaghaltais aige agus bha na Riaghaltasan ionadail agus mòr-chuid na probhasitean na aghaidh. Dìreach mus an do chuir iad e às a chathair, thug na luchd-cheàirrde agus an seanailear na làimhe dheis José María Melo tairgse dhàsan gum biodh e na dheachdaire an t-sluaigh, rud a dhiùt e. Chaidh e a chur an greim agus a chur sa phrìosan leis na rèabhlaidich a thug an cumhnachd 17mh an Giblean 1854.

Co-chaidreachas Ghranada[deasaich | edit source]

Nuair a chaill an rèabhlaid, ann an 1855, dh’fhàg an Seanaid agus an Àrd-chùirte airsan gu robh e as choireach, ach chaidh e shaorachadh leis an dà bhuidheann sin an dèidh na cùise-lagha. Thill Obando dhan Chauca. Rinn e rèidh leis an t-seann nàmhaid aige, Tomás Cipriano de Mosquera. Chaidh e a dh’ainmechadh ceannard Mailisidh A’ Chauca. Shabaid e an aghaigh ar-a-mach nan Tòraidh ann an taobh mu thuath Valle del Cauca, a chaill faisge air Buga, ann an El Derrumbado (1860).

Thog e airsan gu Bogotá ann an 1861 airson taic a thoirt dhan rèabhlaid aig Mosquera an aghaidh a’ chinn-suidhe Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez, ach chaidh e a mharbhadh ann am fall-fhalaich air a’ mhointich aig Cruz Verde.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Oilthigh Cauca


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: