Cali

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cali
Flag of Santiago de Cali.svg Escudo de Santiago de Cali.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Valle del Cauca - Santiago de Cali.svg
Sealladh air a' bhaile
Cali II.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Valle del Cauca.svg Valle del Cauca
Sgìre Cordillera Occidental
Àirde 995m
Teodhachd 25˚
Co-chomharran 03° 27' 00' Tuath
76° 32' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 562 km²
Àireamh-shluaigh 2,119,908 (2005)
Dlùths 3,772.08/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Chali

‘S e prìomh-bhaile na roinne Valle del Cauca, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Cali, neo Santiago de Cali (sanˈtjaɣo ðe ˈkali).[2] Tha e suidhichte aig 995m os cionn ìre na mara agus 440km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 25° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1536 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan. Bha cunntas-sluaigh dhe 2,119,908 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh,[4] 'S e Cali an treas baile as motha na dùthcha.[5] agus an 12mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seumas,[7] neo Santiago ann an Spàinntis. Thathar a' creidsinn gur e facal Quechua a th'ann an eileamaid Cali, leis cho faisg 's a tha am baile ri seann chrìochan ìompaireachd nan Inca. 'S e Cali an t-ainm a tha air abhainn a' bhaile cuideachd.[8]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 2,119,908 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 36,737 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Cali. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.5% agus tha 26.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.9% dhe na daoine ann an Cali leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 81.9% dhe na dachannan.[10]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cali. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Manuel María Mallarino: Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857

Eliseo Payán: Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1887 agus 1888

Jorge Holguín Jaramillo: Ceann-suidhe na dùthcha ann ann 1909 agus eadar 1921 agus 1922

Ceanglaichan A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-Sìde ann an Cali

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Mongabay
  7. New Advent
  8. Fiosrachadh na Roinne
  9. Cololmbia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia