Florencia (baile)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Florencia
Bandera FLA.jpg Escudo Florencia Caquetá.jpg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Caqueta - Florencia.svg
Sealladh air a' bhaile
Panorámica FLA 2008.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Caquetá.svg Caquetá
Àirde 242m
Teodhachd 24.8˚
Co-chomharran 01º 36' 50' Tuath
75º 36' 46' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,292 km²
Àireamh-shluaigh 157,450 (2010)
Dlùths 68.7/km²
Àireamh fòn DANE
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e baile beag ann an Caquetá, Coloimbia,[1] a th'ann Florencia. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig astar dhe 517km bho Bhogotá.[2] faisg air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 242m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 24.8˚ rè na bliadhna. 'S e Florencia an 35mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1902.

Susbaint

[deasaich] Sluagh a' bhaile

Ged a tha 157,450 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 21,973 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Florencia (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 0.8% agus tha 3.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.1% dhe na daoine ann an Florencia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 44.9% dhe na dachannan.[6]

[deasaich] Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Florencia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

[deasaich] Bailtean Co-cheangailte

[deasaich] Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

[deasaich] Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Florencia


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile