Mocoa

O Uicipeid
Mocoa
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Putumayo
Àirde 721m
Co-chomharran 01º 08' 56' Tuath
76º 38' 52' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,263 km²
Àireamh-shluaigh 35,755 (2005)
Dlùths 28.31/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e prìomh-bhaile na roinne Putumayo, ann an Coloimbia,[1] a th' ann am Mocoa. Tha e suidhichte air an àirde an iar-dheas na dùthcha 607km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha àirde meadhanach dhe 721m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 24.8˚ rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551. 'S e Mocoa an 128mh baile as motha na dùthcha.[3]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 35,755 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 10,004 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Mocoa (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th' ann an 18.3% agus tha 6.5% dhe dhaoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 90.4% dhe na daoine ann am Mocoa leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 32.6% dhe na dachannan.[6]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Mocoa. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Mocoa