Bucaramanga

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bucaramanga
Flag of Bucaramanga.svg Escudo de Bucaramanga.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Santander - Bucaramanga.svg
Sealladh air a' bhaile
Wiki bmanga.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Santander (Colombia).svg Santander
Sgìre Cordillera Oriental
Àirde 959m
Teodhachd 26˚
Co-chomharran 06° 11' 16' Tuath
67° 28' 23' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 117 km²
Àireamh-shluaigh 516,512 (2005)
Dlùths 4,414.63/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bhucaramanga

‘S e prìomh-bhaile na roinne Santander, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Bucaramanga (Ltspkr.png bu.ka.ɾa.maŋ.ga).[2] Tha e suidhichte aig 959m os cionn ìre na mara agus 379km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 26° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1622 anns an sgìre ris an canar Sliabh an Ear (Spàinntis: La Cordillera Oriental) anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan agus ‘s e am baile le ìre cion-cosnaidh nas lugha na dùthcha. Tha cunntas-sluaigh dhe 516,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Bucaramanga an 8mh baile as motha na dùthcha[5] agus an 89mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1622.

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

Chan eil e cinnteach dìreach dè tha an t-ainm Bucaramanga a' ciallachadh, ach 's dòcha gur e àros boidheach bho bucar (uasal) agus manga (taigh) ann an cànan na Chitaro, tuath Tùsanach a bha na tàmh an seo nuair a ràinig na Spàinntich.[7] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Wak'armanqha an seann ainm a bh'air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh àite domhainn coisrisgte[8] ann an cànan Tùsanach.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 516,512 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,296 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Bucaramanga. A bharrachd air sin, ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.2%, agus tha 2.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 95.3% dhe na daoine ann an Bucaramanga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.8% dhe na dachannan.[10]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bucaramanga. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Mongabay
  7. Freewebs
  8. Organización de Estados Iberamericanos
  9. Cololmbia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia
  12. Vanguardia Liberal

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann am Bucaramanga