Cúcuta

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cúcuta
Flag of Cúcuta.svg Escudo de Cucuta.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Norte de Santander - Cucuta.svg
Sealladh air a' bhaile
Cúcuta - Palacio de Justicia - Francisco de Paula Santander.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Norte de Santander.svg Norte de Santander
Sgìre Cordillera Oriental
Àirde 320m
Teodhachd 28˚
Co-chomharran 07° 54' Tuath
72° 30' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,176 km²
Àireamh-shluaigh 587,676 (2005)
Dlùths 499.72/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Chúcuta

‘S e prìomh-bhaile na roinne Norte de Santander, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Cúcuta Ltspkr.png 'ku.ku.ta, neo San José de Cúcuta.[2] Tha e suidhichte aig 320m os cionn ìre na mara is tha e 568km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1733 anns an sgìre ris an canar Sliabh an Ear (Spàinntis: La Cordillera Oriental) anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan leis gu bheil am baile dìreach ri taobh na crìochan leis A' Bheiniseala. Tha àireamh-sluaigh dhe 587,676 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Cúcuta an 6mh baile as motha na dùthcha.[5] agus an 72mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1733.

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho Naomh Seosaiph,[7] neo José ann an Spàinntis. Thathar ag ràdh gu bheil Cúcuta a' ciallachadh Taigh na Daoine Sìthe ann an Cànan Bari.[8] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Kuku-uta an seann ainm a bh'air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh Taigh an Diabhail[9] ann an cànan Tùsanach.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 587,676 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 20,012 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[10] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cúcuta, ach tha 0.86% dhe Tùsanaich agus 1.02% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.2% dhe na daoine ann an Cúcuta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 48.5% dhe na dachannan.[11]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cúcuta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[12] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

Francisco de Paula Santander (1792 - 1840): Ceann suidhe na dùthcha eadar 1819 agus 1826.

Virgilio Barco Vargas (1921 - 1997): Ceann suidhe na dùthcha eadar 1986 agus 1990.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann an Cúcuta

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Mongabay
  7. Catholic Online
  8. Cámara de Comercio de Cúcuta
  9. Organización de Estados Iberamericanos
  10. Cololmbia Virtual
  11. Bileag fhiosrachaidh DANE
  12. Country Studies: Colombia