Barranquilla

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Barranquilla
Flag of Barranquilla.svg Escudo de Barranquilla.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Atlantico - Barranquilla.svg
Sealladh air a' bhaile
City of Barranquilla 05.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Atlántico.svg Atlántico
Àirde 4m - 98m
Teodhachd 28.4˚
Co-chomharran 10° 59' 16' Tuath
074° 47' 20' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 166 km²
Àireamh-shluaigh 1,146,395 (2005)
Dlùths 6,905.99/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bharranquilla

'S e prìomh-bhaile Roinne Atlántico ann an ceann a tuath Coloimbia[1] a th' ann am Barranquilla (Ltspkr.png ba.raŋ'ki.ja).[2] Tha Barranquilla suidhichte aig beul na h-aibhne Mhagdalena, air oirthir na Mara Chairibianach 948km air falbh bho Bhogotá.[3] 'S e an ceathramh baile as motha ann an Coloimbia, an dèidh Bogotá, Medellín agus Cali. [4] Bha àireamh sluaigh dhe 1,146,395 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh.[5] 'S e Barranquilla an 33mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1639.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair am baile am facal 'Kamash' mar chiad ainm, bho na Tùsanaich a bha nan tàmh an seo nuair a ràinig na Spàinntich.[7] Thathar ag ràdh gur ann às an fhacal Barranca neo Barranca (Sgoltadh) a thàinig an t-ainm Barranquilla.[8] Chithear mòran sgoltaidhean air oirthir a' Chairibìan[9] agus tha tòrr ainmean-àite ann le barranca: mar eisimpleir Barrancabermeja, Barranca Nueva neo Barranca Nueva. 'S e meanbhair a th' ann -illa,[10] dìreach mar -ag anns a' Ghàidhlig.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig na ceannaichean Spàinntich dhan àite far a bheil Barranquilla an latha an-diugh ann an 1513, ach chaidh am baile a stèidheachadh gu h-oifigeil ann an 1813. Fhuair an sgìre inbhe mar sgìre sònraichte marsanta fairgeach ann an 1993.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 1,146,395 daoine nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,047 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[11] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Barranquilla. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ ann 0.1%, 0.2% dhe Giupsaidhean agus tha 13.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.1% dhe na daoine ann an Barranquilla leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 53.5% dhe na dachannan.[12]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Barranquilla. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ ann,[13] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Shakira Isabel Mebarak Ripoll (1977 - ): Seinneadair agus ceòladair.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Mongabay
  7. Juan David Villalobos Robles
  8. Real Academia de la Lengua
  9. Fiosrachadh ann an Jetcost
  10. Spanish About.com
  11. Colombia Virtual
  12. Bileag fhiosrachaidh DANE
  13. Country Studies: Colombia
  14. SisterCities

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Barranquilla