Quibdó

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Quibdó
Flag of Quibdó.svg [[Image:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Chocó - Quibdó.svg
Sealladh air a' bhaile
La alameda.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Chocó.svg Chocó
Àirde 43m
Teodhachd 28˚
Co-chomharran 05º 41' 13' Tuath
76 º 39' 40' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,337 km²
Àireamh-shluaigh 112,886 (2005)
Dlùths 33.83/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e prìomh-bhaile na roinne Chocó, ann an Coloimbia,[1] a th'ann Quibdó. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha ri taobh na h-aibhne Atrato, aig astar dhe 564km bho Bhogotá. [2] Tha àirde meadhanach dhe 43m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le clìomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisge air a’ Chuan Sèimh. 'S e Quibdó an 37mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1664.

Susbaint

Sluagh a' bhaile [deasaich]

Ged a tha 112,886 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 11,752 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Afro-Coloimbianaich a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Quibdó. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.1%, 3.2% dhe daoine geala/mestizos agus tha 95.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.8% dhe na daoine ann an Quibdó leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 39.3% dhe na dachannan.[6]

Fèisean [deasaich]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Quibdó. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach [deasaich]

An t-sìde ann an Quibdó

Iomraidhean [deasaich]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: