Pereira (baile)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pereira
Flag of Pereira.svg Escudo de Pereira.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Risaralda - Pereira.svg
Sealladh air a' bhaile
Viaducto g.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Risaralda.svg Risaralda
Sgìre Eje Cafetero
Àirde 1411m
Teodhachd 23˚
Co-chomharran 4° 48' 51' 4' Tuath
75° 41' 40' 41' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 628 km²
Àireamh-shluaigh 443,554 (2005)
Dlùths 706.3/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Phereira

‘S e prìomh-bhaile na roinne Risaralda, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Pereira.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 1411m os cionn ìre na mara 294km air falbh bho Bhogotá[3] agus tha e faisg air Cali agus Medellín. A bharrachd air sin, tha teodhachd meadhan dhe 23° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1863 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 443,554 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Pereira an 13mh baile as motha na dùthcha.[5]

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

'S e Cartago a' chiad ainm a fhuair am baile leis gur e à Cartagena de Indias a bha a'mhòr-chuid dhe na saighdear a ràinig ann ann 1540.[6] Chaidh an t-ainm a dh'atharrachadh gu Pereira ann an 1863 mar chuimhe air José agus Manuel Peraira, dithis bhràthar a chuir am baile air bhog nuair a bha iad a' teiche bho na Spàinntich aig àm Cogadh an Neo-Eisimeileachd eadar 1816 agus 1819.[7]

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 443,554 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 72,315 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Pereira, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 5.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 93% dhe na daoine ann an Pereira leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 77.8% dhe na dachannan.[9]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pereira. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-Cheangailte[deasaich | edit source]

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

César Gaviria Trujillo (1947): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1990 agus 1994.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Leabharlann Luis Angel Arango
  7. Fiosrachadh an Riaghaltais
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann am Pereira