Armenia (baile)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Armenia
Flag of Armenia, Colombia.svg Escudo de Armenia (Quindio).svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Quindio - Armenia.svg
Sealladh air a' bhaile
Desde mi cuarto.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Quindío.svg Quindío
Sgìre Eje Cafetero
Àirde 1551m
Teodhachd 18˚ - 20˚
Co-chomharran 4° 32' Tuath
75° 40' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 140 km²
Àireamh-shluaigh 280,930 (2005)
Dlùths 2,006.64/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Armenia

‘S e prìomh-bhaile na roinne Quindío, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Armenia.[2] Tha e suidhichte aig 1,551m os cionn ìre na mara, 259km air falbh bho Bhogotá,[3] agus tha teodhachd mheadhanach dhe eadar 18° agus 22° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1889 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Bha àireamh-sluaigh dhe 280,930 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Armenia an 21mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a steidheachadh air 14 an Damhair 1889.[6]

Freumhan an Ainm[deasaich | edit source]

Bha am baile air a bhith ainmeachadh Villa Holguín leis gur e Carlos Holguín a bha na cheann-suidhe aig àm steidheachadh a' bhaile, ach rinn na Ruisiannach droch mhort ann an Airmeinia.[7] Le sin fhuair am baile ainm eile mar chuimhne air ìobairtich a' Mhuirt.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Ged a tha 280,930 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,816 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Armenia. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.6% agus tha 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Armenia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 68.1% dhe na dachannan.[9]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Armenia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Crónica del Quindío
  7. Encyclopedia Britannica
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann an Armenia