Santa Marta (baile)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Santa Marta
Flag of Santa Marta.svg [[Faidhle:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Magdalena - Santa Marta.svg
Sealladh air a' bhaile
Santamartabeach02.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Magdalena.svg Magdalena
Àirde 6m
Teodhachd 34˚
Co-chomharran 11º 14' 50' Tuath
74º 12' 06' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,381 km²
Àireamh-shluaigh 415,270 (2005)
Dlùths 174.41/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e baile ann an Magdalena, Coloimbia,[1] a th'ann Santa Marta. Tha e suidhichte dìreach air oirthir A' Chairibìan le tràighean òr-bhuidhe air a bheulaibh agus beanntan na Sierra Nevada de Santa Marta air a chùlaibh, 904km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha àirde meadhanach dhe 6m os cionn ìre na mara leis gur e port a th’ann, ach tha am beinn leis an canar Pico Colón suidhichte aig 5,775 os cionn ìre na mara. ‘S e baile le cliomaid gu math teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 34˚, rè na bliadhna, ach tha ciomaidean eile shuas air a’ mhòintich. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1525. 'S e Santa Marta an 11mh baile as motha na dùthcha.[3]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Martha,[4] neo Marta ann an Spàinntis. Tha santo/a a' ciallachadh naomh.[5]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 415,272 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 30,148 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Santa Marta (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1% agus tha 7.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.6% dhe na daoine ann an Santa Marta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 46.2% dhe na dachannan.[8]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Santa Marta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

José María Campo Serrano (1832 - 1915): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1886 agus 1887.

Chaochail Simón Bolívar, saoradair Aimeraga a Deas an seo ann an 1830.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Catholic Online
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Cololmbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
  10. SisterCities

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Santa Marta


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: