Riohacha (baile)

O Uicipeid
Riohacha
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn La Guajira
Àirde 5m
Co-chomharran 11º 32' 40' Tuath
72º 54' 26' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,020 km²
Àireamh-shluaigh 167,865 (2005)
Dlùths 33.44/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e prìomh-bhaile na roinne La Guajira, Coloimbia,[1] a th' ann Riohacha. Tha e suidhichte ann an ceann a tuatha na dùthcha, 1,095km air falbh bho Bhogotá.[2] dìreach air oirthir A' Chairibìan agus faisg air na crìochan leis A' Bheiniseala. Tha àirde meadhanach dhe 5m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 30˚ rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1535. 'S e Riohacha an 32mh baile as motha na dùthcha.[3]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Süchiimma an t-ainm Tùsanach a tha air a' bhaile. Tha am facal a' ciallachadh Tuagh na Tìre ann an Wayuunaika, teanga na Wayuu, bho Süchii (tuagh) agus Mma (tìr). Tha iad làidir fhathast anns a' bhaile.[4] Fhuair am baile sreath dhe ainmean Spàinntis an dèidh ruigheachd nan Spàinnteach. Nochd baile beag Spàinnteach aig beul na h-Aibhne Río de La Hacha. Tha an t-ainm a'ciallachadh Abhainn an Tuaigh bho Río (Abhainn) bhon fhacal Laideann rius[5] agus Hacha (tuagh) bhon fhacal Laideann fascula.[6] Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm Nuestra Señora Santa María de los Remedios del Río de la Hacha, mar chuimhne air Moire, màthair Iosa.[7]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 167,865 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 31,682 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[8] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Riohacha (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 20.3% agus tha 12.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 77.2% dhe na daoine ann an Riohacha leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 26.2% dhe na dachannan.[10]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Riohacha. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Riohacha

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Riohacha ann an JetcostTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Real Academia de la Lengua
  7. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  8. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  9. Cololmbia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: