Valledupar

O Uicipeid
Valledupar
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cesar
Àirde 151m
Co-chomharran 10º 28' 37' Tuath
73 º 15' 02' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,307 km²
Àireamh-shluaigh 10,171 (2005)
Dlùths 2.36/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

' S e prìomh-bhaile na roinne Cesar, ann an Coloimbia,[1] a th' ann Valledupar. Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na dùthcha ri taobh na h-aibhne Ghuatapurí, 814km air falabh bho Bhogotá agus 435km bho Bhucaramanga. [2] Tha àirde meadhanach dhe 151m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisge air oirthir na Roinn Charaibeach. 'S e Valledupar an 16mh baile as motha na dùthcha.[3]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,036 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Valledupar ‘S e Tùsanaich a th' ann an 8.4% agus tha 12.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.2% dhe na daoine ann an Valledupar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 40.6% dhe na dachannan.[6]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Valledupar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Valledupar


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: