Pasto

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pasto
Flag of San Juan de Pasto.svg Coat of arms of San Juan de Pasto.png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Nariño - San Juan de Pasto.svg
Sealladh air a' bhaile
Volcán Galeras - Pasto - Colombia.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Nariño
Sgìre Cordillera Andina
Àirde 2527m
Teodhachd 14˚
Co-chomharran 01° 12' 52' 48' Tuath
77° 16' 41' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,181 km²
Àireamh-shluaigh 382,618 (2005)
Dlùths 323.98/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Phasto

‘S e prìomh-bhaile na roinne Nariño, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Pasto, neo San Juan de Pasto.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 2527m os cionn ìre na mara ann an ceann a deas na dùthcha, 798km air falbh bho Bhogotá.[3] faisg air oithrir a’ Chuain Sèimh. Tha teodhachd meadhan dhe 14° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1539 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan, gnothaichean nam mèinnean agus an àiteachas. Tha àireamh-sluaigh dhe 382,618 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Pasto an 17mh baile as motha na dùthcha.[5]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Iain,[6] neo Juan ann an Spàinntis. 'S e facal Tùsanach a th'ann an eileamaid Pasto, bho ainm nan Tùsanach Pasto a bha nan tàmh an seo mus do ràinig na Spàinntich agus tha am facal a' ciallachadh Sluagh an Tìr bho dhà fhacal: pas (sluagh) agus (to) tìr.[7]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 382,618 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 70,241 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Pasto ach tha 0.8% dhe Tùsanaich agus 1.6% dhe le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 92.1% dhe na daoine ann am Pasto leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 52.4% dhe na dachannan.[9]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pasto. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Pasto

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Catholic Online
  7. http://www.pasto.gov.co/index.php?option=com_content&view=article&id=60&Itemid=61]
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia