Àiteachas
Tha àiteachas na fhoinse do iomadh feumalachdan caochlaideachd, an dá chuid biadh agus eu-biadh. Tha toraidhean eu-biadhachd coltach ri cotan, diut agus rubair, ana-cudromach an cuid tiribh, ach ann an Alba tha priomhachas aig biadh agus chan eil moran luach 's na toraidhean eu-biadhachd, coltach ri cloimhe agus craiceann. Tha aiteachas eu-coltach ri gniomhacasan eile ann an iomadh doigh. Tha gniomhacasan giolachais agus gniomhacasan seirbhis a' cruthachadh toraidhean nach eil riatanach ri beatha.Ni carbadan agus airneis agus gruagaireas beatha nas comhfhurtail, ach faodaidh daoine a bhi beo as aonais. Chan urrainn dhuinn a bhi beo as aonais biadh. Is ann mar sin a tha aiteachas an gniomhacas bu chudthromach air feadh an t-saoghal agus tha e a' tarruinn uidhe riaghaltasan dha fhein. Is gann gu bheil duthaich 's an t-saoghal as aonais ministireachd airson aiteachas, ged a bhitheas gach gniomhacas eile a' tighinn comhla fo aire minisdearachd a-mhain.
Àiteachas agus Croitearachd [deasaich]
Tha àiteachas na phàirt cudthromach de chroitearachd air taobh Sear na Gaidhealtachd, mar eisimpleir anns an Eilean Ghoirid, far a bheil croitean cho mòr ri 30 acair a' geilleadh cruithneach, eorna agus coirce ceart cho math 's a tha na tuathanasan air machair Siorramachd Naruinn beagan miltean dhan ear.
Chan eil mòran àitcheachas-croitearachd a' dol air taobh siar na dùthcha anns an latha an diugh, far a bheil an aimsir nas fliuch nan taobh Sear agus nas fliuch an diugh na bha e o chionn fichead bliadhna. A dh'aoindeoin sin, tha gairnealachd-croitearachd air tilleadh ris an Eilean Sgitheanach,Ratharsair agus Loch Aillse rè an deichead a chaidh, agus Comunn/Companaidh Coimhearsnachd ga co-ordanadh agus ga bhrosnachadh.
Ged nach eil mòran chroitearan ri aiteachas anns an latha an diugh, is fheudar dhuinn aithneachadh gu bheil aiteachas riatanach do chroitearachd. As aonais aiteachas cha b' urrainn do chroitearan a bheathaich an spreidh aca tron gheamhradh. Bha croitearan ri àiteachas air feadh na sgirean croitearachd sios ri na 1970an, is e ghiulan-bhathair saor, còmhla leis na beanntan-bhidhe a dh'eirich san roinn Eorpa aig deireadh na 1970an a chuir às aiteachas-croitearachd air an taobh siar aig a' cheann thall, o chionn 's gun do dh'fhàs e nas saoire biadh-sprèidh a cheannach a-steach o sgirean eile le aimsir agus fearann nas fhearr na bha e a bhith ga fàs aig an taigh. Tha cothrom (an 2008) gun tig a' chuibhle mun chuairt anns na beagan bliadhnachan a roimhainn.