Ratharsair

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dùn Cana thairis Loch na Mna

'S e eilean fada caol air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Ratharsair. Chanaidh cuid Ratharsaigh, ach chan eil ann an sin ach cruth Gàidhealach air an t-ainm Beurla : Raasay.

'S e Inbhir Àrais am priomh baile. Tha mu 185 daoine nan comhnaidh air an eilean ach tha iomadh taighean nan iar-dhachaidh.

Rugadh is thogadh am bàrd Somhairle MacGill-Eain air an eilean, ann an Òsgaig, far an robh a h-athair na thàillear. Tha a dhàn ainmeil "Hallaig" a' cuimhneachadh baile air taobh ear an eilein agus an t-sluagh a chaidh fhuadachadh. Tha 'Sgreapadal' a' làimhseachadh baile fuadaichte eile air an eilein, faisg air Hallaig. Rinn Calum Iain "Beag" MacGilleathain, bràthair Shomhairle, obair mhòr mar neach-cruinneachaidh beul-aithris, ann an Alba is ann an Èirinn cuideachd.

Tha an ceann-a-tuath creagach, agus tha coilltean sa cheann-a-deas. Lorgar clach-iarainn air Ratharsair aig deireadh an 19mh linn, agus trath anns an 20mh linn fhuair maighstirean-iarainn Uilleam Baird & Co. seilbh air an eilean. Fhosgail Baird meinn-iarainn air an Eilean mu àm a' Chogaidh Mhòr ach cha do chum e a' dol às dèidh 1920.

Thàinig leabhar a-mach ann an 2006, Calum's Road le Roger MacÙisdein, mu dhèidhinn an rathaid air Ratharsair a rinn Calum MacLeòid leis fhèin gun chroit aige. Thug e deich bliadhna mas do chuir e crìoch air. Tha fonn ann cuidheachd leis an aon anim a sgrìobh Donald Shaw bho Capercaillie.

Bàgh Hallaig, càrn-cuimhne Shomhairle MhicGill-Eain agus Dùn Cana san t-sealladh.

Daoine ainmeil à Ratharsair[deasaich | edit source]

  • Somhairle MacGill-Eain, bàrd Gàidhlig
  • Calum Iain MacGilleathain, neach-cruinneachaidh beul-aithris is sgrìobhadair
  • Calum MacLeòid, neach-eachdraidh ionadail, rinn e rathad Chaluim
  • Fearchar MacIllFhinnein, ceannard Sabhal Mòr Ostaig

Sgrìobhaidhean mu a deidhinn ann an Gàidhlig[deasaich | edit source]

  • MacLeòid, Calum. (2007) Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair Dùn Phàrlain: Clò Àrnais ISBN: 978-0-9555014-0-1
- leabhar Gàidhlig a sgrìobh an dearbh Chalum a thog Rathad Chaluim le eadar-theangachadh gu Beurla.
Faidhle:Calum's Road.jpg
rathad Chaluim anns an latha an-diugh