Coloimbia
| Poblachd Choloimbia (República de Colombia) | |
|---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
| Laoidh Nàiseanta | |
| Oh, Gloria Inmarcesible! (Spàinntis) "Obh Glòr gun Chrìoch" |
|
| Sluagh-ghairm nàiseanta | |
| "Libertad y Orden" (Spàinntis) "Saorsa agus Òrdugh" |
|
| Cànan(an) oifigeil | Spàinntis |
| Prìomh-bhaile | Bogotá 10.000.000 hab |
| Baile as motha | Bogotá |
| Riaghaltas | Poblachd |
| Ceann-suidhe | Juan Manuel Santos Calderón |
| Iar-cheann-suidhe | Angelino Garzón |
| Ceann-suidhe na ciùird | Nancy Gutiérrez |
| Ceann-suidhe na h-àrd-chùirte | César Valencia |
| Stèidheachadh | |
| Neo-eisimeileachd bhon Spàinn |
20mh, an Iuchar 1810 |
| Aithnichte | 7mh, an Lunasdal 1819 |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | 1,141,748 km² (26mh) |
| Uisge | 8.8 % |
| Àireamh-shluaigh (2007) | |
| Iomlan | 45,965,000 (29mh) |
| Dlùths | 40/km² (161mh) |
| GDP/PPP (29mh) | |
| Iomlan | $337.286 billean (2005) |
| gach pearsa | $10,565 (81mh) |
| Roinn tìde | (UTC-5) |
| Ruith-airgid | Peso coloimbianach |
| Eadar-lìon TLD | .co |
| Còd Àireamh fòn | 57 |
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia [1] [2] agus is è Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearu agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Cairibianach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.
Susbaint |
[deasaich] Crìochan
A-rèir Map Oifigeil Crìochan na Dùthcha[3], tha crìochan aig Coloimbia le còig dùthaich: A' Bheiniseala (2,219 cilemeatair), Braisil (1,645 cilemeatair), Eacuador (586 cilemeatair), Panama (266 cilemeatair) agus Pearu (1,626 cilemeatair). A bharrachd air sin, tha oirthear air Muir a' Chairibianach (1,600 cilemeatair) agus air a' Chuan Sèimh (1,300 cilemeatair) aig an dùthaich. Le sin, tha cuairt-thomhas dhe 9,242 cilemeatair aig Coloimbia.
[deasaich] Eachdraidh
[deasaich] Ro àm a' cheannsachaidh
Bha mòrann bhuidhne dhe tùsanaich nan tàmh air an fhearrann far a bheil Coloimbia an latha an-diugh. Tha na Tùsanaich ann fhasthast ann an corra sgìre, ach tha an àireamh-sluaigh aca air thuit gu math bho thàinig na Spàintich. 'S e òr-cheàrdaichean agus tuathanaich a bh'annta. Bha treudan dhe daoine Arawak, Muisca agus Carib nan tàmh air feadh na dùthcha. Cha robh stàit ann co-dhiù.
[deasaich] Coloimbia Mhòr
Nuair a bhuannaich Coloimbia a chuid neo-eiseimleachd bhon Spàinn bha an dùthaich mòran na bu mhotha na a th i an latha an-diugh, leis gu robh a' Phoblachd ùr ga stèidheachadh air an seann roinn Nueva Granada na h-ìompaireachd Spàinnteach. Bhrist an dùthaich a-mach a chèile mus do bhàsaich Simón Bolívar fhèin. is na uachdarain ann an Caracas agus ann an Quito poblachdan ùra a chuir air bhog. Chaill Coloimbia Roinn a' Chaolais (El departamento del Istmo), ris an canar Panama an latha an-diugh. 'S e Coloimbia Mhòr (La Gran Colombia) an t-ainm a th'oirre.
[deasaich] Cogadh na Mìle Làithean
Bha cogadh sìobhalta cruaidh fuilteach ann eadar 1899 agus 1903 ris an canar Cogadh na Mìle Làithean. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais, Poblachd Panama an latha an-diugh, agus an Canal cudromach cuideachd. An dèidh a' chogaidh chaill an dùthaich ann an fìor dhroch staing, fo cheann-suidhe Rafael Reyes, a bha dìreach mar dheachdaire. Chaill esan an dreuchd aige oir bha e airson ainm a chur gu aontaidhean le Panama agus leis na Stàitean Aonaichte.
[deasaich] An t-Ainneart
An dèidh an ùpraid a dh'adhbhaich murt Jorge Eliecer Gaitán ann an 1948, thuit an dùthaich ann an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil eadar an dà phartaigh mòr. Bha prìs eadar-nàiseanta a' chofaidh dìreach air a thuiteam gu mòr, agus bhris sin an suidheachadh poileatagach na dùthcha. 'S e An t-Ainneart (La Violencia) an t-ainm a tha air a' chomhstrì siud. Chuir an t-airm an dùthaich fo smachd an deachdair Rojas Pinilla, is bu ghann a bha sìth agus òrdugh.
[deasaich] Cogadh na Guerillas
Thoisich cogadh na Guerrillas an dèidh an Ainneirt, anns na sgìrean dùthchasail a bha fo bhuaidh an ainneirt, mar dhòigh iadsan a dhìon. Bha iomadh bhuidheann dhe guerrillas ann, feadhainn dhuibh a' dol fhathast. Cha robh Riaghaltas na Poblachd an làthair ann an gach uile sgìre is àite leis cho mòr s' a tha an dùthaich is le sin, fhuair na guerrillas làmh an iuchdair air mòran sgìre, ach cha b'urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn bho Riaghaltas na dùthcha. Le4 sin, rè deicheadan, bha na bailtean mòra fo smachd an Riaghaltais, leis na guerrillas air an dùthaich is iad a' sabaid an aghaigh feachdan prìobhaideach na h-uachdarain.
[deasaich] Bailtean-Mòra
'S e Bogotá, Cali, Medellín, Cartagena de Indias, agus Barranquilla na bailtean as motha ann an Coloimbia. Thoisich inimreachas mhòr dha na bailtean aig àm an Ainneirt agus le sin tha a'mhòr-chuid nan tàmh anns na bailtean airson obair fhaighinn agus iomadh dhuibh nam fògarraich
[deasaich] Roinnean na Dùthcha
Clioc air an roinn air a’ mhapa shìos an seo gus an t-artaigil a leughadh.
|
|
[deasaich] Na Meadhannan
[deasaich] Pàipearan-naidheachd
Tha iomadh phàipear-naidheachd gam foillseachadh gu làitheil agus gu seachdainneil ann an Coloimbia. 'S e gnothach roinneil neo sgìreil a th'ann a' mhòr-chuid dhuibh air sgàth gu nochdadh na pàipearan-naidheachd airson aon bhaile mòr neo aon roinn neo aon cheàrn a fhrithealadh, oir cha robh ach margaidh nàiseanta ann o shean, leis gu robh an tionndadh ghnìomhachasail na dùthcha fa-leth roinneil. Leughadh luchd-malairt ann am Medellín El Colombiano, gun sgeul air El Tiempo, bho Bhogota. A bharrachd air sin, chuireadh gach uile pàipear-naidheachd làn taic seadh dhan na Libealaich, seadh dha na Tòraidhean. Seo liosta na pàipearan-naidheachd as cudromaiche ann an Coloimbia:
El Colombiano Medellín
El Espectador Bogotá
El Mundo Medellín
El Tiempo Bogotá
El Diario del Sur Huila
El Diario del Magdalena Barranquilla
[deasaich] Ràidio
Thoisich a' chiad sheirbheis Ràidio ann an Coloimbia ann an 1929, ged a thoisich a' Chompanaidh Marconi an tèic-eòlas a chur air dòigh ann an 1923. 'S e HJN an t-ainm a bha air an t-seirbheis is 's e ceann-suidhe na dùthcha Miguel Abadía Méndez a fhosgail i. Dà bhliadhna an a dhèidh thoisich HKF, a' chiad sheirbheis marsanta, ann an 1931. Bhàsaich an seinneadair Tango Argantach Carlos Gardel ann an tubaist pleàna ann am Medellín ann an 1935 agus le sin rugadh Radio Perdiodismo (Aithrisean naidheachd ràdio). Chaidh na stèiseanan nàiseanta RCN, Caracol agus Todelar a chur air bhog ann an 1945. Tha mòran stèisein ràdio ann an latha an-diugh.[4] Seo liosta na stèiseanan ràidio as cudromaiche ann an Coloimbia:
[deasaich] Telebhisean
Thoisich a' chiad sheirbheis Thelebhisean ann an Coloimbia ann an 1954[5], fon Dheachdair Gustavo Rojas Pinilla. Fhuair esan deagh fhoghlaim mu dheidhinn cho cudromach a bha an telebhisean fhad's a bha e a' fuireach anns A' Ghearmailt aig àm Adolf Hitler. 'S e tèic-eòlas Gearmailteach agus Aimearaganach a chleachdadh iad aig toiseach toisichidh an t-seirbheis, is chaidh na sianalan a stèidheachadh air na stèiseanan ràidio a bh'ann ma-thà. Thoisich Teletigre, a' chiad sheirbheis prìobhaidean a chraoladh ann am Bogotá ann an 1966. Thàinig Telebhisean dathach dhan dùthaich ann an 1979. Chaidh seirbheisean roinneil a chuir air dòigh rè na 1980an. Chaidh siostam dhe telebhisean dideasach a thaghadh ann an 2008. Seo liosta na sianalan telebhisean as cudromaiche na dùthcha:
[deasaich] Gallaraidh
-
Manizales view.jpg
Manizales
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- Encyclopaedia Britannica Coloimbia
- - Agustin Codazzi Geographic Institute - Cairt Coloimbia (Spàinntis)
- Portal del Estado - Duilleag oifigeil riaghaltas Choloimbia (Spàinntis)
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Faclair Akerbeltz
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
- ↑ Mapa Oficial de Fronteras Marítimas y Terrestres de la República de Colombia
- ↑ Pareja, Reynaldo: Historia de la Radio en Colombia, 1929-1980, Servicio Colombiano de Comunicación Social, Bogotá, 1984
- ↑ Historia de la Televisión en Colombia
