Miguel Abadía Méndez
Miguel Abadía Méndez
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 7mh an Lùnasdal 1926 gu 7mh an Lùnasdal 1930 |
| Ro-Theachdaire | Pedro Nel Ospina Vásquez |
| Neach-Ionlaid | Enrique Olaya Herrera |
| Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia |
| Ceann-Là Bhreithe | 5mh an t-Ògmhios 1867 |
| Àite Bhreithe | Piedras ( Tolima) |
| Ceann-Là a Bhàis | 9mh an Cèitean 1947 |
| Àite a Bhàis | Fómeque ( Cundinamarca) |
| Bean/Fear-Chèile | Leonor de Velasco Álvarez |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | fear-lagha, daonnaire |
B’ e Miguel Abadía Méndez (Piedras, Tolima, 5 an t-Ògmhios 1867 - La Unión - Fómeque, Cundinamarca, 15 an Cèitean 1947) fear-lagha, daonnaire agus fear-poileataigs à Coloimbia. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig a’ Cholaiste Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario ann am Bogotá. Bha e na cheann-suidhe na Poblachd, [1][2] reachdadair, bha e air a bhith os cionn seachd ministrealachdan, na Chomhairliche na Stàite agus na Bhreitheamh aig Àrd-chùirt A’ Cheartais. Mar Mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) stiùir esan an ath-leasachadh bun-reachdail dhe 1910 air a’ Bhun-Reachd dhe 1886. Riochdaich e an dùthaich ann an t-Sile, An Argantain agus Braisil[3].
Nuair a thug e a làmh air Ceannas na Poblachd airson an teirm eadar 1926 agus 1930 (bha esan an aon tagraiche a bh’ann agus fhuair e 370,611 bhòtaichean airson am Pàrtaidh Tòraidh)[4] rèitich e na crìochan mhara còmhla ri Niocaragua a’ cumail innis-mhuir San Andrés, Providencia agus Santa Catalina fo uachdaranas Choloimbia ach a’ toirt Costa de Mosquitos dìreach do Niocaragua; bhrosnaich e na h-obraichean poblach, am foghlam agus na miseanan chreidimh dha na Tùsanaich; Bha iomadh trioblaid poileataigeach, eaconamach agus sòisealta gu math doirbh roimhe, mar staing an eaconamaidh dhe 1929 agus Mort nam Bananeras ann an 1928[5], air brìgh na poileasaidhean aige ri piseach a dheànamh ann am fiachan eadar-nàiseanta na dùthcha, dhol an aghaidh toiseach tòisichidh na sòisealachd agus còmhstri anns an àiteachas a rèiteachadh le ceannsal: a bharrachd air buaidh phrìsean ìosal a’chofaidh air an dùthaich. Fhad ’s a bha e na cheann-suidhe steidhich e Co-nasgadh Nàiseanta Tuathanaich Cofaidh Choloimbia.
Mar eisimpleir dhe gràdh-dùthcha agus an dèidh 42 bliadhna na smachd Tòraidh, thug e an cumhachd seachad dhan ath cheann-suidhe agus a cho-chòmhragaiche poileataigeach Enrique Olaya Herrera ann an 1930.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Presidencia de Colombia
- ↑ Leabharlann Luís Angel Arango
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Eachdraidh Choloimbia 1926-1930
- ↑ Eachdraidh Choloimbia 1926-1930
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón