Lagh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

LAGH[deasaich | deasaich an tùs]

Is e a tha anns an Lagh ach àlach de riaghailtean steidhichte air feadh naisean. Is gniomh an lagh a dhaingneaich an inbhe aig gach pearsa. Ni an lagh seo le ainmeachadh an dà chuid: choireaichean pearsanta aig daoine anns a' choimhearsnachd agus dleasdanasan pearsanta air daoine ris a' choimhearsnachd.

Tha laghan treubhail air a bhi steidhichte aig ire an treubh air feadh an t-saoghal, bho toisich tìm. Ach is ann do linn na seann Greugais a thoisich feallsanaich a ghabhail beachd air nadar nan lagh comhla le conceapan de ceartas an cothrom le dleasdanasan nan daoine agus cumhachd nan righrean.

Anns an latha an diugh tha siostam-lagh fath-leth steidhichte aig gach duthaich neo-eisimileach air feadh an t-saoghal. Tha an suidheachadh seo a' leanntainn air an ceart riatanach ri fein-riaghaladh a tha gach duthaich a gleidheadh- Is buadh de duthaich neo-eisimileach an ceart a dheanamh laghan dhi pein.


Roinntean Mòr den Lagh[deasaich | deasaich an tùs]

Jurisprudence[deasaich | deasaich an tùs]

Is Jurisprudence an roinn de feallsanachd a dheiligeas leis an Lagh.


Lagh Siobhalta[deasaich | deasaich an tùs]

Is Lagh Siobhaltaan roinn den lagh a dheiligeas le coiraichean-sheilbh: m.e seilbh de bathair, seilbh de fearann.

Lagh nan Eucoiraich[deasaich | deasaich an tùs]

Is Lagh nan Eucoir an roinn den lagh a dheiligeas le eucoir, m.e. meirle, muirt. Tha i a' gabhail a-steachd lorg eucoirich, cuir casaidean gan aghaidh agus ma bhitheas an cuirt gan lorg ciontach, tha i a' leigeil sios raon de peansachaidhean a tha freagarrach ris an eucoir.

Lagh Eadar Naiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

Is e a tha ann an Lagh Eadar Naiseanta corp lagh a tha a riaghaladh na cairdeasan eadar duthchanan neo-eisimileach.

Air barrachd an sin tha roinn mor an siostam

Lagha na h-Albainn[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh gleidheadh air Lagh na h-Albainn, na siostam lagh fa-leth bho lagh na Sasuinn fo Achd an Aonaidh de 1707. Is e Achd an Aonaidh, air a reachdadh le Parlamaid na h-Albainn agus le Parlamaid na Sasuinn a sguab as an da Pharlamaid neo-eisinileach sin agus a steidhich an Rioghachd Aonaichte le Parlamaid ann an Westminster a mhain.