Juan José Nieto Gil

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Juan José Nieto Gil

Juan Jose Nieto Gil.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of New Granada.svg Poblachd Ghranada Ùire
Teirm 25mh am Faoilleach gu 18mh an t-Iuchar 1861
Ro-Theachdaire Mariano Ospina Rodríguez
Neach-Ionlaid Bartolomé Calvo
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 24mh an t-Ògmhios 1805
Àite Bhreithe Cibarco Atlántico
Ceann-Là a Bhàis 18mh an t-Iuchar 1866
Àite a Bhàis Cartagena de Indias Bolívar
Bean/Fear-Chèile 1) María Margarita Palacio 2) Teresa Cavero
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-poileataigs, ùghdar, fear-aithris, saighdear, stàitire

B’ e Juan José Nieto Gil, a rugadh ann an clachan beag ris an canar Cibarco (Atlántico), eadar Baranoa agus Tubará, air an 24mh an t-Ògmhios 1805 agus a chaochail ann an Cartagena de Indias (Bolívar) air an 16mh an t-Iuchar 1866), fear-poileataigs, ùghdar, saighdear agus stàitire à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùire[2] eadar 25mh am Faoilleach agus 18mh an t-Iuchar 1861.

'S e daoine bochd a bh'ann a phàrantan agus le sin cha d'fhuair e foghlam ann an sgoil co-dhiù. A dh'aindeoin sin, dh'ionnsaich e ri leughadh na aonar agus dh'fhàs e a bhith cho foghlaimte a ghabhas.

Bha e an sàs ann an Cogadh nan Àrdanach ann an 1840, a' chiad cogadh a thachar ann an Coloimbia an dèidh a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Bha e ri taobh Carmona anns a' chogadh sin. Chaidh e a chur an grèim leis a chuid nàmhaidean ann am baile air an robh Tescua. Dh' fhàg e Coloimbia agus chuir e seachadh còig bliadhna ann an Iaimeuca.

Sgrìobh e dà nobhail nuair a bha e thall ann an Iaimeuca, air adhbharan poileataigeach: Rosina, Ingermina o la hija de Calamar (1844) agus Los Moriscos (1845).[3] A bharrachd air sin, sgrìobh e faclair marsanta Spàinntis - Beurla.

Thill e dhan dùthaich ann an 1847 agus steidhich e pàipear-naidheachd ann an Cartagena de Indias, air an robh La Democracia. Fhuair e a dreuchd mar Riaghldair ann an Cartagena ann an 1851, is chuir e an t-easbaig Pedro Antonio Torres à san dùthaich. Air an 17mh an Giblean 1854 thug e taic dhan ar-a-mach a rinn José María Melo. Mar Riaghladair ghabh e ris an darna Bun-Reachd poiliteagach a fhuair an stàit Bolívar.

Ghairm e neo-eisimeileachd na stàite Bolívar bhon a’ Cho-chaidreachais Ghranada air an 3mh an t-Iuchar 1860 ann an caidreabhas leis an t-Seanalair Tomás Cipriano de Mosquera, leis gu robh an dùthaich airson meadhanachadh fon cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez. An dèidh ceannas na dùthcha a ghabhail os làimhe fhad’s a bha an Seanalair Mosquera às an làthair, ghabh e sealbh air Riaghaltas na Stàite Bolívar iomadh turas gus an do chuir na feachdan reubaltaich le Antonio González Carazo os an cionn às an dreuchd e.

Bha an seannachaidh Orlando Fals Borda dhen bheachd gun do deach e fhàgail a-mach eachdraidh oifigeil na dùthcha e o chionns gur e mulato a bh’ann, is fiù’s gun robh na dealbhan dhàsan gealaichte gus na freumhan aige fhalach.[4] Thuirt an seannachaidh sin gur e "gnothach na b'ionadaile na nàiseanta (taobh na h-uachdarain ann an Cartagena)" a bh'ann am pròiseas anns an do dhìochuimhneachadh am fear a bha an aon cheann-suidhe dubh neo mulato a fhuair Coloimbia a-riamh.

[deasaich] Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Barule Gazette
  4. Nuevo Heraldo

[deasaich] Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile