Pedro Alcántara Herrán
Pedro Alcántara Herrán Martínez de Zaldúa
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 1 dhen Ghiblean 1841 gu 1 dhen Ghiblean 1845 |
| Ro-Theachdaire | José Ignacio de Márquez Barreto |
| Neach-Ionlaid | Domingo Caycedo Santamaría |
| Pàrtaidh | Làmh Dheas ro àm nam Pàrtaidh |
| Ceann-Là Bhreithe | 19mh an Dàmhair 1800 |
| Àite Bhreithe | Bogotá ( Cundinamarca) |
| Ceann-Là a Bhàis | 26mh an Giblean 1872 |
| Àite a Bhàis | Bogotá ( Cundinamarca) |
| Bean/Fear-Chèile | Amelia Mosquera Arboleda |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | fear-poileataigs, saighdear |
B’e Pedro Alcántara Herrán Martínez de Zaldúa (Bogotá 1800 - 1872) saighdear agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] Fhuair e an t-ainm sin air sàilleabh a chràbhachd chreidmheach gu Naomh Pedro de Alcántara.
Shabaid Herrán Zaldúa ann an Cogadh an Neo-Eisimeileachd eadar 1821 agus 1824, fon Mharasgal Antonio José de Sucre, agus thug e pàirt anns a’ Bhlàr Ayacucho ris a thaobh, agus a bharrachd air chaidh e còmhla ris rè na bliadhnachan nuair a bha esan fhèin a’ riaghladh ann am Boilibhia. Fhuair e iomadh dhreuchd ann s a' Poileataigs an déidh sin. Chuir e am Bun-Reachd dhe 1843 air dòigh fhad ‘s a bha e na cheann-suidhe na Poblachd Ghranada Ùr eadar (1841 agus 1845)[2]. Chuir e polasaidhean tòraidh air bhog, chuir e às do shaorsa na meadhanan agus thug e monopolaidh air an fhoghlam dha na sagartan, agus a bharrachd air sin chuir e cead dhan Chomann Iosaid a thilleadh dhan dùthaich. Thug na Libearalach ris gu dian ann an ùine goirid, leis cho farsain ‘s a bha na atharraidhean tòraidh a rinn e agus leis cho làidir s’ a bha buaidh na h-eaglaise air a’ chomann shòisealta.
An dèidh a’ chinneas a leigeil, bha e na Mhinistear a’ Chogaidh, na sheanadair, na àrd-seanailear an airm agus, mu dheireadh thall, na thosgair ann an Washington, D.C. Mar mhinistear làn-ùghdarach Ghranada Ùr ann an Costa Rica ann an 1856 chuir e ainm gu Cunnradh Calvo-Herrán, a’ chiad aonta a dh’fheuch ris an staing eadar an dà dhùthaich air an cuid chrìochan a rèitich[3].
B’e Antonio Herrán, Àrd Easbaig Bhogotá, a bhràthair.
Iomraidhean [deasaich]
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón