Joaquín Mosquera
Susbaint |
Joaquín Mosquera y Arboleda
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm 1 | 13mh an t-Ògmhios 1830 gu 5mh an t-Sultain 1830 |
| Ro-Theachdaire | Domingo Caycedo Santamaría |
| Neach-Ionlaid | Rafael Urdaneta |
| Teirm 2 | 2mh an Cèitean 1831 gu 11mh an t-Samhain 1831 |
| Ro-Theachdaire | Rafael Urdaneta |
| Neach-Ionlaid | Domingo Caycedo Santamaría |
| Pàrtaidh | Cha robh pàrtaidhean ann |
| Ceann-Là Bhreithe | 14mh an Dùbhlachd 1787 |
| Àite Bhreithe | Popayán (Cauca) |
| Ceann-Là a Bhàis | 4mh an Giblean 1878 |
| Àite a Bhàis | Bogotá Cundinamarca |
| Bean/Fear-Chèile | María Josefa Mosquera Hurtado |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | fear-poileataigs |
B’ e Joaquín Mariano de Mosquera y Arboleda (Popayán 14mh an Dùbhlachd 1787, – Bogotá 4mh an Giblean 1878) fear-lagha, saighdear, stàitire agus fear-poileataigs à Coloimbia[1], a bha na cheann-shuidhe na dùthcha, ris an canar Coloimbia Mhòr a-nis, eadar an t-ògmhìos agus an t-Sultain 1830, agus an uair sin eadar an Cèitean agus an t-Samhain 1831. A bharrachd air sin, bha e na Leas-Ceann-Suidhe Phoblachd Ghranada Ur.[2][3]
Beatha [deasaich]
Rugadh Joaquín Mosquera y Arboleda ann am Popayán air 14mh an Dùbhlachd 1787, is e a’ chiad mhac aig José María Mosquera y Figueroa agus María Manuela Arboleda Arrachea. Ball dhà dhe na teaghlaichean a bu chudromaiche agus a bu treasa na sgìre aige, rinn trìuir bhràithrean eile aige uabhasach math anns a’ beatha poblach ann an Coloimbia: Tomás Cipriano de Mosquera, Manuel María Mosquera agus Manuel José Mosquera.
Dh’ionnsaich e leughadh aig 5 bliadhna a dh’aois, agus bha e anns an sgoil mar-thà. An dèidh sin chaidh e do Sgoil Sagartachd a’ bhaile, Oilthigh Cauca, agus an uair sin gu Colaiste an Rosario ann am Bogotá, far an d’ fhuair e ceum ann an Lagh ann an 1805.[4]
Beatha ann am Poileataigs [deasaich]
Ann an 1810 chaidh e dhan airm agus bha e an sàs ann an iomadh còmhradh, is fhuair e caipteineachd. B’ e sàr fhear-lagha a bh' ann agus bha cliù aige a chionn ’s gur e deagh riaghaltair sìobhalta a bh’ ann airson a’ bhaile aige fhèin rè àm cogadh na neo-eiseimealachd, agus fhuair e àite mar bhall a’ Mhòr-Dhàil aig àm na Coloimbia Mòire is e na mhinistear cuideachd.
Ceann-Suidhe na dùthcha [deasaich]
Chaidh Mosquera a thaghadh Ceann-Suidhe na dùthcha ann an 1830 nuair a leig Simón Bolívar an dreuchd dheth. ‘S e Am Mòr-Dhàil a thaghaich e airson Bolívar a leantainn air 4mh an Cèitean, ach cha b’ urrainn dhasan an dreuchd a dheànamh agus fhuair an Leas Cheann-Shuidhe Domingo Caycedo Santamaría an dreuchd. Shuidh e fhèin anns a’ Chathair an ceann beagan mhìos ach chuir an Seanalair Rafael Urdaneta, a bha dìleas gu Bolívar, às a’ chathair e anns an aon bhliadhna. Chaidh Mosquera air ais an dèidh do dh’Urdaneta, an dreuchd fhàgail air 2na an Cèitean 1831, is e an sàs gu ruige 23mh an t-Samhain 1832.
An dèidh A’ Chinneas [deasaich]
Bha e na leas cheann-shuidhe na Poblachd Ghranada Ùr eadar 1833 agus 1835 agus an uair sin reachdadair de Oilthigh A’ Chauca, a bharrachd air ollamh an oilthigh cuideachd. Rè nam bliadhnachan dhiùlt e tòrr dhreuchdan anns a’ bheatha phoblach, mar eisimpleir, riochdadair a’ bhanca Crédito Público ann am Popayán ann an 1825. Bha Mosquera na bhall mòran bhuidhnean saidheansail agus litreachais agus bha e uabhasach dòigheil air an fhoghlam phoblach. Bha e ainmeil mar sàr oraidaiche. Phòs e a cho-ogha María Josefa Mosquera Hurtado, is fhuair iad còignear cloinne ri chèile: José María, Pedro, Rosa, Mariana agus Eusebia. Chaill e a lèirsinn ann an 1858 agus bhàsaich e ann am Popayán ann an 1878, aig 92 bliadhnachan a dh’aois.
Iomraidhean [deasaich]
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón