Manuel María Mallarino
Susbaint |
Manuel María Mallarino
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 1 dhen Ghiblean 1855 gu 1 dhen Ghiblean 1857 |
| Ro-Theachdaire | José de Obaldía |
| Neach-Ionlaid | Mariano Ospina Rodríguez |
| Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia |
| Ceann-Là Bhreithe | 18mh an t-Ògmhios 1808 |
| Àite Bhreithe | Cali |
| Ceann-Là a Bhàis | 6mh am Faoilleach 1872 |
| Àite a Bhàis | Bogotá |
| Bean/Fear-Chèile | María Mercedes Cabal |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | Fear-lagha |
B’ e Manuel María Mallarino Ibargüen, a rugadh ann an Cali 18 an t-Ògmhios 1808 agus a chaochail ann am Bogotá 6 am Faoilleach, 1872) fear-lagh agus fear-poileataigs à Coloimbia.[1] ‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857.[2][3]
Beatha [deasaich]
Phòs e María Mercedes Cabal, nighean Víctor Cabal, uachdaran-fearainn neartmhor à Buga, agus seann phròbhaist Cali. ‘S e esan an duine a reic ann oighreachd “El Paraiso” gu Jorge Enrique Isaacs, athair a’ bhàird, Jorge Isaacs. Steidhich esan an leabhair ainmeil aige “María” air María Mercedes Cabal fhèin.
An dèidh a leanabachd a chur seachad ann an Cali, chaidh e gu Popayán airson a chuid fhoghlaim àrd-ìre fhaighinn agus cùrsa ann an lagh a dheànamh aig Oilthigh a’ Chauca, far an tug e ceum ann an lagh ann an 1831.[4] An uair sin thoisich e a bhith an sàs ann an saoghal poiliteagach na roinne, ri taobh nan Tòraidh a bhios nam ministearan anns na làithean ri teachd, is fiù’s fhuair e àite ann an Seòmar nan Riochdairean ann an 1836. An dèidh sin fhuaireadh e àite anns an t-Seanaidh cuideachd a bharrachd air a bhith na Riaghladair anns na roinnean dhe Popayán agus Buenaventura. Fhuair e deagh dhuais airson a chuid obrach mhath a rinneadh e mar cheannard roinneil am Pàrtaidh Tòraidh ùr bhon a’ cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera, a dh’ainmich e Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1846, dreuchd a chumadh e gu ruige 1848. Cho-dhùin Mallarino an dùthaich fhàgail nuair an tug na Libearalaich an Riaghaltas os làimhe ann an 1849, is e na thàmh ann am Lima, Pearu; thill e chun na dùthcha aige ann an 1854, airson taic thoirt dhan cho-bhann dà-phàirtidh a bha airson a chur às dhan dheachdaire José María Melo.
Ceann-suidhe na Dùthcha [deasaich]
Nuair a chaidh an t-òrdugh laghail air ais leis an leas-ceann-suidhe José de Obaldía os a chionn, oir gun do chuir iad às dhan cheann-suidhe José María Obando, b’ fheudar dhan Chòmhdhail leas-ceann-suidhe ùr a thaghadh airson an teirm dhe dà bhliadhna eadar 1855 agus 1857. Chaidh an t-seann seansalair Mallarino a mholadh mar thagraiche an Aonaidh nàiseanta agus thug e an dreuchd os làimhe 1 dhen Ghiblean 1855. An aon latha b’ fheudar dha Mallarino dreuchd a’ chinn-suidhe a thoir os làimhe cuideachd, oir cho-dhùin an Còmhdhail gu robh Obaldía fhèin bu choireach airson Obando a thoirt a-mach agus chuir iad dheth e. Le sin, b’ fheudar dhuibh neach-ainmichte a lorg, is chaidh an Seanalair Joaquín París Ricaurte, fear dhen fheadhainn am broinn an Airm a chuir às do Mhelo, a mholdadh airson an dreuchd. Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais bha caibineit dà-phàirtidh aige, leth chuid Libearalaich, leth chuid Tòraidhean. Le sin, thachair rud gu math anabarrach dhàsan: fhuair e taic bho gach uile buidheann ann an saoghal poiliteagach na dùthcha, fiù’s lùghdaich e an Arm gu na bu lugha na 400 saighdearan.
Tha e inntinneach gu do thoisich pròiseas feadaralachadh na dùthcha fo Riaghaltas aig Mallarion. Chaidh na stàitean Panama agus Antioquia a chruthachadh agus bha pròiseas cruthachadh na Stàitean Boyacá, Cauca, Cundinamarca, Magdalena, Bolívar agus Santander air dòigh.
An Dèidh a’ Chinneas [deasaich]
An dèidh an dreuchd sin fhàgail, bha e an sàs gu h-àraidh anns na meadhanan agus anns an fhoghlam, ged an d’fhuair e turas eile na Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1861 agus dh’fheuch e ris a’ cheannas fhaighinn a-rithist ann an 1872. Sa bhliadhna sin, bha e am measg an fheadhainn a steidhich Acadamaidh Coloimbianach a’ Chànain.
Iomraidhean [deasaich]
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Nuñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Mallarino • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Deogracias Fonseca • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barcas Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango • Álvaro Uribe • Juan Manuel Santos Calderón