Leonardo Canal González

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Leonardo Canal González

Glcg.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of New Granada.svg Co-chaidreachas Ghranada
Teirm 18mh an t-Iuchar 1862 gu 30mh an Dùbhlachd 1862
Ro-Theachdaire Tomás Cipriano de Mosquera
Neach-Ionlaid Tomás Cipriano de Mosquera
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 6mh an t-Samhain 1822
Àite Bhreithe Pamplona Norte de Santander
Ceann-Là a Bhàis 5mh an Cèitean 1894
Àite a Bhàis Bogotá Cundinamarca
Bean/Fear-Chèile 1) Ana María García Briceño 2) María Josefa García Briceño (Peathraichean)
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan eòlaiche-lagha, fear-aithris, saighdear


B’ e Leonardo Canal González (6 an t-Samhain 1822 - 5mh an Cèitean 1894) saighdear agus fear-poileataigs[1] à Coloimbia.[2]

Rugadh e ann am Pamplona air 6mh an t-Samhain dhe 1822. Fhuair e a chuid fhoghlaim ann an Lagh bhon Oilthigh an Rosario ann am Bogotá, is a bharrachd air sin bha e na leas-reachdadair an Oilthigh sin aig aon àm. Chaidh e a dh’ainmeachadh mar Riaghladair air Santander aig àm a’ Chogaidh Sìobhalta leis a’ Cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez. Dhìon e an Riaghaltas bhon Shantander, is chuir e ionnsaigh air Tunja, far an do chaill e am Blàr an aghaidh an Riaghladair agus Seanalair Libearalach Santos Gutiérrez Prieto. Thàinig an Cogadh dhan Shantander leis a’ chall sin.

Chaidh Canal González a dh’ainmeachadh mar Ministear an Riaghaltais agus a’ Chogaidh nuair thug Bartolomé Calvo an Riaghaltais os làimhe air 1 an Giblean 1859. Ghairm Canal González gur e esan fhèin a bha os cionn an Riaghaltais mar cheann-suidhe nuair a bha e ann am baile beag ris an canar La Unión (Nariño), dìreach an dèidh gun do chuir na feachdan aig Mosquera an ceann-suidhe an greim air 18mh an t-Iuchar 1861. Dh’ainmich e am baile Pasto prìomh-bhaile poileataigeach na dùthcha air 26mh an t-Iuchar dhen aon bhliadhna. Fhàg Canal González an urra air a’ Cheannas ri Rùnaire Manuel Del Río De Narváez air 6mh an t-Samhain 1862, leis gu robh bacadh bun-reachdail ann taobh a bhith os cionn an Airm is an Riaghaltais aig an aon àm. Thug na feachdan aig Canal gèill 30mh an Dùbhlachd na bliadhna sin agus chaidh còrdadh na Sìthe a dhearbhadh le Riaghaltas reubaltach an t-Seanalair Mosquera air 16mh am Faoilleach. Le sin, b’ fheudar dhà Canal González a dhol na fhògarrach gu Pearu.

‘S e fear dhe na ceannardan na bu fhaicsinnich an ar-a-mach nan Tòraidh dhe 1876 a bh’ann Canal González. Bha e os cionn feachdan a’ chùl-chuideachd ann an 1885. Chaidh e a dh’ainmeachadh ministear an leasachaidh leis a’ Cheann-suidhe Carlos Holguín ann an 1890. Chaochail Canal ann an 1894 aig 72 bliadhna a dh’aois.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Leabharlann Luís Angel Arango
  2. Dùthchannan aig SMO


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: