La Unión (Nariño)
La Unión
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 1650m | ||||
| Teodhachd | 19˚ | ||||
| Co-chomharran | 01' 26' 06' Tuath 77° 80' 15' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 163 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 27,914 (2005) | ||||
| Dlùths | 171.25/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile meadhanach ann an Nariño, Coloimbia,[1] a th’ ann La Unión. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 1,650m os cionn ìre na mara aig astar dhe 92km bho Phasto. ‘S e baile le clìomaid blàth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 19˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1945.
Susbaint |
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 27,914 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 17,636 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail nan sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ ann La Unión fhathast.
A taobh cinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an La Unión, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.3% dhe na daoine ann an La Unión leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 12.2% dhe na dachannan.[4]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Unión. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia