Francisco Javier Zaldúa

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Francisco Javier Zaldúa

Francisco Javier Zaldúa 1.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Stàitean Aonaichte Choloimbia
Teirm 1 dhen Ghiblean 1882 gu 21mh an Dùbhlachd 1882
Ro-Theachdaire Rafael Núñez
Neach-Ionlaid Clímaco Calderón
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 3mh an Dùbhlachd 1811
Àite Bhreithe Bogotá (Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 21mh an Dùbhlachd 1881
Àite a Bhàis Bogotá (Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile Dolores Orbegozo y Mantilla
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-lagha, neach-teagaisg, breitheamh

B' e Francisco Javier Martínez de Zaldúa y Racines fear-lagha agus fear-poileataigs à Coloimbia,[1] a rugadh ann am Bogotá, 3 an Dùbhlachd 1811, agus chaochail esan an siud fhèin 21 an Dùbhlachd 1882. An dèidh bheatha fhada anns a' phoileataigs am broinn a' Phàrtaidh Libearalach, chaidh Zaldúa a thaghadh mar Cheann-suidhe na dùthcha airson an teirm 1882 - 1884. Bhàsaich e an ceann 8 mìos san dreuchd.[2][3]

Beatha[deasaich | edit source]

Nuair a nach robh e ach balach beag chunnaic e gun do chuir iad gu bàs athair air sàilleabh a taic a thug esan do Antonio Nariño, ann an 1816. A dh’aindeoin sin, b’ urrainn dhàsan a chuid fhoghlaim fhaighinn aig an sgoil San Bartolomé le taic bho shargart a bha ne Deagh charaid an teaghlaich, is rinneadh uabhasach math aig an sgoil agus an uair sin fhuair e ceum ann am lagh ann an (1836), Chaidh e a dh’ainmeachadh leas Reachdadair na Sgoile fiu’s mus tug e ceum, leis cho tàlanatach a bha e taobh sgoilearachd. Bha e gu math cliùiteach fad iomadh bhliadhna air sgàth an sàr oideachaidh a rinneadh e is e os cionn roinn an Lagha (Lagh na h-Eaglaise agus Lagh na Rìoghachd), a bharrachd air a chuid obrach laghail aig Taigh na Cùirte anns a’ bhaile La Palma ann an Cundinamarca, gus an do dh’fhàs e a bha na bhreitheamh aig Àrd Cùirt a’ Cheartais. Aig an aon àm, bha e an sàs anns an gnothach mar ball phàrlamaid, bho 1837 gu ruige 1849, far an do rìochdachadh e prìomh-bhaile na dùthcha le taic bhon A’ Phàrtaidh Libearalach. Leig e a dreuchd anns a’ Mhòr-dhail airson a bhith na Rùnaire (ministear) ann Riaghaltais fon cheann-suidhe José Hilario López, ach cha do mhair e ach bliadhna san dreuchd, mus do thill e chun a’ Phàrlamaid.

Riochdaich e Cundinamarca aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863, a dh’ath leasaich Bun-Reachd na dùthcha. Cha robh e cho ainmeil anns a’ phoileataigs aig ìre nàiseanta fad 15 bliadhna, leis gu robh e an sàs mar Sheanadair airson Cundinamarca, agus oide an Oilthigh, far an do chuir e seachad ùine a bhith na Reachdadair Oilthigh Nàiseanta Colombia. Dh’fhàs e beagan na bu chudromaiche nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Julián Trujillo e mar Rùnaire na Dùthchannan Cèin, far an robh gu ruige 1878.

Ceann-suidhe na Dùthcha[deasaich | edit source]

Bha am Pàrtaidh aige ga sgaradh aig àm a’ Thaghaidh ann an 1882, eadar na Raidigich agus na daoine aig Rafael Núñez (Spàinntis: nuñistas). Chaidh esan a mholadh mar thagraiche an aonaidh, leis gur e seann bhall-pàrlamaid le deagh chliù a bh’ann. Fhuair e fiu’s taic nan Tòraidh.

Thoisich an Riaghaltas aige 1 an Giblean 1882 agus gheall e na Libearalaich a dh’aonachadh air fad a-rithist agus còrdadh na sìthe maireannach a dheànamh leis na Tòraidhean. Ach thug na daoine aig an t-seann cheann-suidhe Núñez, is iad a’ mhòr-chuid anns a’ Chòmhdhail, an cuid taic air falbh, leis gun do mhothaich iad gun robh Zaldúa airson a bhith gu math neo-eiseimeileach taobh riaghaladh na dùthcha, agus ghairm iad gum biodh iad nan dùbhlanaich dhàsan. Cha do rinn na luchd-dùbhlain ach ionnsaighean uabhasach pearsanta breugach an aghaidh ceann-suidhe na dùthcha. Chruthaich sin sàrachadh cruaidh agus chaill e tinn an ceann greiseag. Bhàsaich e dhe greim cridhe 21 an Dùbhlachd 1882.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luís Angel Arango