José Eusebio Otálora

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

José Eusebio Otálora Martínez

José Eusebio Otálora.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Stàitean Aonaichte Choloimbia
Teirm 22mh an Dùbhlachd 1882 gu 1 dhen Ghiblean 1884
Ro-Theachdaire Clímaco Calderón
Neach-Ionlaid Ezequiel Hurtado
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 16mh an t-Sultain 1826
Àite Bhreithe Fómeque (Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 8mh an Cèitean 1885
Àite a Bhàis Tocaima (Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile Mercedes González Ramirez
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-lagha, neach-teagaisg, riochdaire dioplòmasach, saighdear

B’ e José Eusebio Otálora Martínez fear-poileataigs, saighdear fear-lagha à Coloimbia.[1] Rugadh e ann am Fómeque, Cundinamarca, air 16mh an Dùbhlachd 1826,agus chaochail e ann an Tocaima, Cundinamarca air 8mh an Cèitean 1884. ‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalach a bh’ann agus a bharrachd air sin bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1882 agus 1884.[2][3]

‘S e mac tuathanach is fear malairt Basgach agus a bhean à Boyacá. Chaill an teaghlach an oighreachd ann am Miraflores (Boyacá) leis gur e Rìoghailtear a bh’ann athair agus le sin b’ fheudar dhuibh a dhol gu Fómeque. Fhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil agus aig an oilthigh ann am Bogotá, agus thug e ceum ann an lagh bho Oilthigh an Rosario ann an 1852. An uair sin thoisich e an sàs anns a’ phoileataigs mar bhall pàrlamaid na Roinne Bogotá, ach leig esan an dreuchd sin an ceann corra mhìos, nuair a chaidh e gu Guateque an ath-bhliadhna.

Bha e na bhall Còmhdhail na Roinne Boyacá bho 1855, bliadhna na bainnse aige, is e na tàmh ann an Guateque. Bha e na riochdaire na Stàit aige aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863 agus leigeadh e seasamh air co-chothrom agus còrdachadh eadar buidhnean raidgeach agus meadhanach a’ phàrtiagh. Chaidh e gu Seòmar nan Riochdairean an ath-bhliadhna, far an robh e gu ruige 1868. Chaidh e a dh’ainmeachadh consal gus an Eadailt ann an 1870 is an uair sinn ann am Breatainn gus a thill dhan dhùthaich ann an 1875 far an do shabaid e anns a’chogadh sìobhlata ri taobh nan Libearalach. B’ urrainn dhàsan àrdachaidhean armachd fhaighinn, leis gu robh e an sàs anns na cogaidhean sìobhlata, a thoisich ann an 1854, gu ruige a bhith na Sheanailear ann an 1877. Chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe Stàit na Boyacá an aon bhliadhna, is le sin dh’fhàs e ainmeil aig ìre nàiseanta is e ga thaghadh a-rithist gu ruige 1882, nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Rafael Núñez Rùnaire an Ionmhais e.

Chaidh Nuñez (a bha a’ leigeil a’ chinneas) agus Otálora (a bha na mhinistear) a thaghadh mar a’ chiad agus an dàrna neach-ainmichte aig taghaidhean a’ chinneas anns an Dùbhlachd 1882, a bhuannaich Francisco Javier Zaldúa. Nuair a dhiùlt Núñez an dreuchd, thug José Eusebio Otálora ceannas na dùthcha os làimhe. ‘S e Riaghaltas adhartach libearalach a bh’aige, a chrìochnaich air 1 an Giblean 1884. Chaidh brosnachach a thoirt dhan a’ chòmhdhail fad’s a bha e anns an dreuchd, leis gun do deach mòran lìonra rèile aig ìre nàiseanta a choileanadh.

Chuir na Libearalaich Raidigeach an tairgse tagraiche a’ chinneas dhàsan ro na taghaidhean ann an 1884, ach dhiùlt e sin air sgàth gu robh e dìleas dha na neo-eisimeilich meadhanach, le Núñez os a cionn, is le sin fhuair e fuath nan Raidigeach. Dh’ fhàg Raidigich a’ Chomhdhail air gu robh cleachdaidhean mì-riaghailteach ann nuair a bha e os cionn an Riaghaltais (nach robh ceart idir). Dh’fhulaing e taomadh-fala anns a’ cheann dìreach nuair a bha a’ cur an dìon aige air dòigh. Bhàsaich e anns an oighreachd aige ann an Tocaima, nuair a mothaich e na casaidean a bha feadhainn a’ creidsinn. Chaidh na casaidean sin a dhiùltadh an ceann greiseag.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luís Angel Arango

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)