Guateque
Guateque
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Oriente | ||||
| Àirde | 1815m | ||||
| Teodhachd | 20˚ | ||||
| Co-chomharran | 50° 00' 36' Tuath 73° 31' 18' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 360 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 10,171 (2005) | ||||
| Dlùths | 28.25/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th’ ann Guateque. Tha e suidhichte aig 1,815m os cionn ìre na mara aig astar dhe 125km bho Thunja, prìomh-bhaile na roinne, agus 112km bho Bhogotá. ‘S e baile le clìomaid blàth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1636.
Susbaint |
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,036 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Guateque, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Guateque leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 37.8% dhe na dachannan.[4]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guateque. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis na Cleasan Teine: 20mh gu 25mh am Faoilleach.
Daoine Ainmeil [deasaich]
Enrique Olaya Herrera (1880 – 1937): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1930 agus 1934.