Tocaima
Tocaima
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Magdalena Àrd | ||||
| Àirde | 400m | ||||
| Teodhachd | 28˚ | ||||
| Co-chomharran | 04' 27' 47' Tuath 74° 38' 17' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 246 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 17,196 (2005) | ||||
| Dlùths | 69.9/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Tocaima. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 400m os cionn ìre na mara aig astar dhe 102km bho Bhogotá agus 30km dhen Abhainn Mhagdalena. ‘ S e baile le clìomaid gu math teth a th’ann Tocaima, agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1544.
Susbaint |
[deasaich] Sluagh a' bhaile
Tha 17,196 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 7,220 a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tocaima, ach tha 0.02% dhe Tùsanaich agus 0.03% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an Tocaima leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 31.9% dhe na dachannan.[5]
[deasaich] Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Tocaima. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
[deasaich] Daoine Ainmeil
Chaochail José Eusebio Otálora an seo ann an 1885.