Fómeque
Fómeque
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Coloimbia | ||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Sgìre an Ear | ||||
| Àirde | 1895m | ||||
| Teodhachd | 18˚ | ||||
| Co-chomharran | 04' 29' 16' Tuath 73° 53' 51' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 555 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 12,157 (2005) | ||||
| Dlùths | 21.9/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Fómeque. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 1,895m os cionn ìre na mara aig astar dhe 56km bho Bhogotá. ‘ S e baile le clìomaid carran fuar a th’ann Fómeque, agus tha teodhachd meadhanach dhe 18˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1543.
Susbaint |
Sluagh a' bhaile[deasaich]
Tha 12,157 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 8,056, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann an seo.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Fómeque, ach tha 24.12% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.5% dhe na daoine ann an Fómeque leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 20.4% dhe na dachannan.[5]
Fèisean[deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Fómeque. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine Ainmeil[deasaich]
José Eusebio Otálora (1826 - 1885): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1882 agus 1884.
Miguel Abadía Méndez (1867 - 1947): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1926 agus 1930.
Iomraidhean[deasaich]
- ↑ Mapa na Roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia