Miraflores

O Uicipeid
Miraflores
municipality of Colombia
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deLengupá Province Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailLengupá Province, Boyacá Deasaich
Domhan-leud is -fhad5°11′47″N 73°8′40″W Deasaich
Cànan obrach no ainmCànanan Innd-Eòrpach Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.miraflores-boyaca.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

'S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th'ann Miraflores. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, 84km air falbh bho Thunja, prìomh-bhaile na roinne. Tha àirde meadhanach dhe 1,500m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann le teodhachd mu 20˚ thar cheann, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1811.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 9,661 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 4,967 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Miraflores, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 86% dhe na daoine ann an Miraflores leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 25.3% dhe na dachannan.[4]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Miraflores. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia