Enrique Olaya Herrera

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Enrique Olaya Herrera

Enriqueolayaherrera1.png

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1930 gu 7mh an Lùnasdal 1934
Ro-Theachdaire Miguel Abadía Méndez
Neach-Ionlaid Alfonso López Pumarejo
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 12na an t-Samhain 1880
Àite Bhreithe Guateque (Boyacá)
Ceann-Là a Bhàis 18mh an Gearran 1937
Àite a Bhàis An Ròimh (An Eadailt)
Bean/Fear-Chèile Marí Teresa Londoño Sáenz
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-aithris Stàitire

B' e Enrique Olaya Herrera stàitire à Coloimbia. Rugadh e ann an Guateque, Boyacá, Coloimbia,[1] air an 12mh latha dhen Shamhain 1880 agus chaochail e anns An Ròimh air an 18mh latha dhen Ghearran 1937. ‘S e ceann-suidhe Coloimbia a bh’ann, bhon 7mh latha dhen Lùnasdal 1930 gu ruige an 7mh latha dhen Lùnasdal 1934. [2][3] Bha e na bhall a’ Phàirtidh Libearalaich.

Beatha ann am Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e ball ginleach na Cuimhneachan Ceud (Spàinntis: Centenario) a bh’ann Olaya Herrera, buidheann a bha uabhasach làidir anns a’ choman-sòisealta bho 1925 gu 1940. Bha e, còmhla ri Alfonso López Pumarejo, Laureano Gómez Castro, Eduardo Santos, Mariano Ospina Pérez, Roberto Urdaneta Arbeláez, Luis López de Mesa, Luis Eduardo Nieto Caballero is càch eadar na ceannardan is smuaineadairean na b’ainmeile aig a’ ghinealach sin. Dh’fhàs iad a bhith gu math neartmhor is iad na bu treasa anns a’ chomann-sòisealta aig an àm a bhathar a’ glèidheadh cuimhneachan cead eachdraidheil na Coloimbia: ar-a-mach nan Comuneros, ar-a-mach dhe 1810, iomairt na neo-eisimeileachd is càch.

Fhuair Olaya Herrera a chuid fhoghlaim ann am bunsgoil na stàite ann an Guateque, agus ri taobh a phàrant. Thug a mhàthair, a bha uabhasach dèidheil air sgrìobhadh rosg sìmplidh ach fìor traidiseanta, buaidh làidir air an dòigh smuaineachaidh aige. Thug athair ceum ann an leigheasachd, dreuchd nach do rinn e a-riamh leis gu robh e an sàs anns a’ mhalairt agus anns an àiteachas. Thathar a’ toirt cuimhne air Olaya Herrera mar an "neach-aithris beag à Guateque", o chionns gun do steidhich e pàipear-naidheachd air an robh El Patriota nuair a bha e 12 bliadhna a dh’aois, is fiù’s dheànadh iomlaid corra phàipear-naidheachd ann an Colombia, El Espectador ann am Medellín nam measg. Mhol an teaghlach Cano gun cuireadh cruinneachadh airgid a chur air dòigh eadar na daoine gus clò-chlàr beag fhaighinn dhan "neach-aithris beag" co-dhiù. Chuir Olaya crìoch air foghlam na sgoile aig an àrd-sgoil Americano ann am Bogota. Chaidh e gus an Oilthigh Universidad Republicana. Fhuair e Deagh oideachaidh bho eòlaichean-lagha ainmeil mar Dhiego Mendoza Pérez, Juan Manuel Rudas, Ignacio V. Espinosa, Carlos Arturo Torres, José Camacho Carrizosa agus càch an siud. Nuair a bha e na oileanach steidhich e am pàipear-naidheachd seachdainneil El Estudiante, ga sgrìobhadh le làimhe is ga reic dha na h-Oileanaich.

Dheànadh e ionnsaighean air ath-bheothachadh na dùthcha, mìneachaidhean air poileataigs aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus sgrìobhadh e seanachas an oilthigh. Thoisich e a bhith ann an sàs anns na meadhanan aig ìre proifeiseanta, is e a’ deànamh aithisean airson pàipearan-naidheachd mar El Autonomista, aig Rafael Uribe Uribe agus Ricardo Tirado Macías. Steidhich e am pàipear-naidheachd El Soldado Cubano (An saighdear à Cùba) nuair a bha e air na làithean saora ann an Guateque: le sin, chruthachadh e taic do neo-eisimeileachd na Ciuba agus do smuaintean an t-saorsa aig José Martí. Tha sin a’ sealltainn gur e luchd-aithris mar ghairm proifeasanta a bh’ann ginealach na Cuimhneachan, mar Olaya Herrera, agus dh’aontaich an t-eòlas a fhuair iad anns na meadhanan còmhla ris an cuid obrach poiliteagach.

Mar a’ mhòr-chuid ghinealach na Cuimhneachan Ceud, thoisich Enrique Olaya Herrera ann am poiliteags aig àm Cogadh na Mìle Làithean, nuair a dhùin mòran oilthighean na clàsaichean aca is thug iad cead dha na h-ollamhan is na h-oileanaich a dhol chun na feachdan, seadh Libearalach, seadh Tòraidh. Chaidh Olaya, agus daoine eile ann an Oilthigh na Poblachd, gu Arm nam Libearalach, is shabaid iad anns na h-iomairtean air feadh na dùthcha. Bha Olaya am broinn an t-sluaigh reublatach aig an t-Seanalair Cenón Figueredo, is e na fhear-brataich Libearalach.

Fhuair e deagh chliù airson na rinn e aig blàr Nocaima, is e a’ beireadh a’ bhrataich, ga fhillte anns a’ chlò dhearg. Lean Olaya air leis a chuid ionnsachaidh an dèidh a’ chogaidh, is fhuair e ceum ann an lagh leis an tràchdas a sgrìobh e “La liberación Condicional” (Saora air Chumhnant), ga chur ann an clò le Oilthigh na Poblachd. Fhuair e dotaireachd ann an Eòlas-lagha ann an 1904 agus chaidh e dhan A' Bheilg aig deireadh a’ bhliadhna 1906 far an do rinn e speisealachas ann an dioplòmasaidh agus eòlas-chomainn aig an Oithigh ULB. Le sin, rinn e a’ mhòr-chuid dhen obair aige ann an dioplòmasaidh, poiliteags agus na meadhanan.

Thill e dhan dùthaich an dèidh a chuid ionnsachaidh anns a’ Bhèilig a choileanadh, far an robh e air a bhith an sàs anns an iomairt an aghaidh Riaghaltas an t-Seanalair Rafael Reyes, is na daoine ag aontachadh leis na thuirt e taobh na còrdaidhean a rinn Coloimbia leis na Stàitean Aonaichte agus Panama. Air an 13mh latha dhen Mhàrt 1909, bheothaich Olaya an sluagh gu dian, dìreach mar fhìor "ghaisgeach an sluaigh", ri beulaibh na ceannardan na b’àirde a’ Phàirtidh Libearalach. Seo mar a thoisich e an iomairt siud an aghaidh na Deachdaireachd, gnothach a chuir Nicolás Esguerra, José Vicente Concha agus Miguel Abadía Méndez air dòigh, rud a chrìochnaich nuair a leig an Seanalair Reyes an dreuchd, air an 16mh latha dhen Mhàrt 1909, a’ leigeil an Seanalair Jorge Holguín Jaramillo os cionn an Riaghaltais; ‘S e Gluasad 13mh am Màrt (Spàinntis: Trecemarcismo) an t-ainm a fhuair an gluasad sin a shabaid an aghaidh na deachdaireachd aig Reyes. Chaidh Olaya a thaghadh mar bhall a' Cho-chruinneachaidh Bun-Reachdail ann an 1910 airson a’ Bhun-Reachd dhe 1886 a leasachadh, is e na riochdaire na roinn Quesada.

‘S e Rafael Uribe Uribe, Benjamín Herrera, Gabriel Vargas Santos, Nicolás Esguerra, Tomás O. Eastman, Carmelo Arango agus Tomás Quevedo Álvarez a bh’ann companaich a’ phàirtidh aige.

Taobh nan Tòraidh bha buill a’ phàrlamaid mar Carlos E. Restrepo Restrepo, José Vicente Concha, Pedro Nel Ospina Vásquez, Guillermo Valencia, Emilio Forero, Hernando Holguín, Abel Carbonell, Pedro M. Carreño agus Guillermo Quintero Calderón ann. Nochd linntean na rèiteachd, a’ cheadachaidh phoiliteagach, le spiorad an aonaidh nàiseanta ann. Chaidh an rèiteachd phoiliteagach a moladh le buidheann fo stiùireadh Carlos E. Restrepo Restrepo à Antioquia, a bha os cionn an Riaghaltais eadar 1910 agus 1914. Rinn Olaya Herrera a dhìcheall thaobh thaghaidh Restrepo tro bhliadhnachan na rèiteachd nàiseanta, nuair an do deach am Pàrtaidh Poblachdach (Spàinntis: Partido Republicano) a chur air dòigh, airson an rèiteachd eadar nam pàrtaidh agus leasachadh bun-reachdail a bhrosnachadh, rud a cheartachadh na mearachdan am broinn Bun-Reachd dhe 1886. ‘S e dìreach co-thàthadh nam Pàrtaidh, le aigne na Sìthe agus an aonaidh phoiliteagach a bh’ann am Poblachdas.

Phòs e María Teresa Londoño Sáenz, nighean Andrés Londoño agus Manuela Sáenz Pinzón, ann an 1911. Fhuair iad dithis nighean ri chèile: María, a phòs Jorge Cárdenas Núñez, agus Lucía, a phòs Manuel Aya Schroeder. Dh’ainmich an ceann-suidhe Carlos E. Restrepo Restrepo e mar phìomh-mhinistear na Dùthchannan Cèin, tro àithne 699 air an 7mh latha dhen Lùnasadal 1910. Bha Olaya os cionn na ministrealachd sin gu ruige 23mh an t-Samhain 1911, agus a-rithist fon cheann-suidhe Jorge Holguín Jaramillo, ann an 1921, gu ruige 4mh am Faoilleach 1922; a tuilleadh air sin, bha e na mhinistear an àiteachais anns an Riaghaltas sin cuideachd. Bha e an sàs anns a’ Phàrlamaid agus anns an dioplòmasachd fad na 1920an. Mar mhinistear a’ Maoineachaidh, nuair a bha an Seanailear Holguín os cionn an Riaghaltais, b’ urrainn dhà ainm a chur dhan Chòrdadh leis na Stàitean Aonaichte, agus bhrosnaich sin càirdeas agus dlùths eatorra. Fhuair e an dreuchd mar thosgair ann an Washington ann an 1922, far an robh e fad ochd bliadhna, is e a’ làimhseachadh gu sgileil na draghan a fhuair Coloimbia leis na Stàitean Aonaichte.

Mu 1930 bha ceannardan a’ Phàirtidh Libearalach dhen bheachd gur e Enrique Olaya Herrera an stàitire na bu fheargaraiche airson am Pàrtaidh a thoirt air ais dhan chumhachd an dèidh ceanneas poiliteagach Ath-Bheòthachadh na Dùthcha. Le sin chlàraich buidheann dhe caraidean Libearalach agus Tòraidheach an tagrachas aige ann am Puerto Berrío air an 22mh latha dhen Fhaoilleach 1930, fon ainm Cruinneachadh Nàiseanta (Spàinntis: Concentración Nacional). An ceann dà latha chaidh Olaya a-steach gu Bogotá, far an do chuir na Libearalaich fàilte breisleachail air. Choisinn e na taghaidhean air an 9mh latha dhen Ghearran 1930 air sgàth gu robh sgaraidhean am measg nan Tòraidh, leis an toradh a leanas: 369,962 bhòtaichean do Enrique Olaya Herrera an aghaidh 240,284 bhòtaichean do Guillermo Valencia agus 213,417 bhòtaichean do Alfredo Vázquez Cobo. Fhuair e taic bho na Tòraidhean adhartach, gu seachd àraidh bho na Poblachdaich, leis an t-seann cheann-suidhe Carlos E. Restrepo os an cionn.

Ceann-suidhe na Dùthcha[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Olaya Herrera airson Riaghaltas an Aonaidh nàiseanta a thoirt gu buil, le Tòraidhean agus Libearalach an sàs mar mhinistearan agus riaghladairean co-dhiù, ach thug na luchd-dhùbhlain, fo stiùireadh Laureano Gómez, airsan taic a lorg am broinn a’ Phàirtidh aigese fhèin a-mhàin, agus beag air bheag fhuaireadh na Libearalach àiteachan nan Tòraidh anns na dreuchdan oifigeil.

Fhuair e cumhachdan sònraichte gus a dhèiligeadh ri staing an Eaconomaidh a dh’adhbharaich an crash dhe 1929, is le sin, cuide ri ministear an Ionmhais, Esteban Jaramillo, chruthaich iad ceumannan a chuidich ris na draghannan a bha aig an dùthaich a sheachnadh, agus bhrosnaich sin leasachadh an ghnìomhachais: le sin b’ urrainn dhan dùthaich cosgaisean a’ cogaidh an aghaidh Phearu a phàigheadh.

Chaill am port dhe Leticia dha feachdan a’ Phearu ann an t-Sultain 1932. Chaidh an Seanalair Alfredo Vázquez Cobo a ghairm gus an iomairt cogaidh Choloimbia a stiùireadh. Chuidich an sluagh Coloimbianach le airgead agus seòid gus an cogadh a phàigheadh, leis cho làidir ‘s a bha faireachdainn na dìlseachd nàiseanta aig an àm. Chaidh an cogadh gu crìoch an dèidh caochladh bhlàir, nuair a rèitich an dà dhùthaich Còrdadh dhe Rio de Janeiro ann an 1934.

A chuid Obrach[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bha Olaya Herrera os cionn an Riaghaltais, bhrosnachadh e na gnìomhachasan nàseanta: bha uaidh mhòr airsan airr athaidean agus loighnichean an treàna a thogail agus rinn e piseach anns an fhoghlam phoblach, gu seach àraidh taobh treànadh na luchd-teasgasg. Bhrosnaich e gnìomhachas a’ pheatrail ann an Catatumbo, chuir e crìoch air na h-obraichean ann am Bocas de Ceniza agus chaidh puirt a thogail ann am Barranquilla agus Buenaventura.

A bharrachd air sin, rinn e obraichean cudromaiche ann am Bogotá fhèin, is le sin thug an sluagh urramachadh mòr dhà nuair a leig e an Riaghaltas do López Pumarejo. Steidhich an riaghaltas aige Banca Creideas an Àiteachais, a’ Ghnìomhachais agus na Mèinnean (Spàinntis: Caja de Crédito Agrario, Industrial y Minero), airson na tuathanaich beaga a cuideachadh. A tuilleadh air sin, chuir e air bhog Banca Meadhanachadh na Morgaidean airson Taighean Cummanta a Mhaoineachadh (Spàinntis: Banco Central Hipotecario para la financiación de las viviendas de tipo medio) tro àithne 711 dhe 1932. Cruthaich e am Feadaras Nàiseanta Tuathanaich a’ Chofaidh (Spàinntis: Federación Nacional de Cafeteros) airson an àiteachais agus a’ ghnìomhachais a neartachadh taobh a’ chofaidh. Bha ùidh mhòr aig an riaghaltas sin air ath-leasachadh laghan obrach gus suidheachadh na luchd-obrach a dheànamh na b’ fheàrr; sgrìobh e laghan anns an reachdadas airson na cloinne a dhìon, chuir e air dòigh latha dheth gach Didòmhnaich agus làithean saora pàighte; Fhuair an luchd-obrach buaidh neo dhà: chaidh na tuarasdailean a dhìon, leasachadh àrachais-beatha mar uallach, riaghlachadh na buidhnean co-obrachadh, bhrosnaich e an làn cosnadh tro mheadhan na h-obraichean poblach, latha-obrach dhe 8 uairean agus polasaidhean eile.

Òrdugh Poblach agus a chuid obrach an dèidh a’ Chinneis[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd ainneart anns aig toiseach an Riaghaltais aige ann an corra àite na dùthcha, gu h-àraidh ann am Boyacá agus Santander, an toiseach air adhbharan poiliteagach. ‘S e bailtean mar Chiquinquirá agus an sgìre an iar Boyacá, an taobh an taobh Guicán, an sgìre García Rovira ann an Santander agus corra bhaile ann an Norte de Santander far an robh an ùpraid na bu mhiosa; Dhìonadh na Tòraidhean anns a’ bhiurocrasaidh an cuid dreuchdan poblachd an aghaidh na ùghdarrasan Libearalach ùra. Chrìochnaich an teirm aig a’ cheann-suidhe Enrique Olaya Herrera ann an 1934, agus lean e air anns a’ bheatha poblach mar Mhinistear na Dùthchannan Cèin ann an 1935, am broinn an Riaghaltais aig Alfonso López Pumarejo. An uair sin, fhuair e an dreuchd mar thosgair chun a’ Bhàtacain anns An Ròimh, far an do bhàsaich e, air an 18mh latha dhen Ghearran 1937, is e an sàs anns an dreuchd fhathast agus dìreach nuair a bha e gus a thill dhan dùthaich gus iomairt taghaidhean a’ chinn-suidhe a thòiseachadh.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango