Froilán Largacha

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Froilán Largacha Hurtado
Froilán Largacha

Ceann-suidhe Choloimbia


Breith 15 an Dùbhlachd 1823
Popayán (Tolima)
Bàs 5 an Cèitean 1892
Bogotá (Cundinamarca)
Pòsadh Carolina Ortiz Ortiz
Ainm na Stàite Flag of New Granada.svg Co-chaidreachas Ghranada
Teirm 10 an Gearran 1863 gu 14 an Cèitean 1863
Ro-theachdaire Tomás Cipriano de Mosquera
Neach-ionlaid Tomás Cipriano de Mosquera
Pàrtaidh Logo del Partido Liberal Colombiano.jpg Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Alma mater Universidad del Magdalena
Dreuchd Fear-lagha
Creideamh Caitligeach

B’ e Froilán Largacha Hurtado (Popayán, 15 an Dùbhlachd 1823 - Bogotá, 5 an Cèitean 1892) fear-lagha agus fear-poileataigs à Coloimbia[1] a bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 10 an Gearran 1863 gu ruige 4 an Cèitean 1863 mar bhall a’ chomataidh riaghlaidh a stiùireadh an dùthaich fhad 's a bhathar a’ deiseachadh a’ bhun-reachd dhe 1863.[2][3]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e mac Felipe Santiago Largacha agus María Josefa Hurtado a bh’ann Froilán Largacha. Phòs e Carolina Ortiz Ortiz, nighean Agustín Ortiz agus Eusebia Ortiz. Fhuair iad dithis duine-chloinne: María Inés agus Carlos Largacha Ortiz. Sgrìobh José María Quijano Wallis, a bha eòlach airsan, gur e Largacha an aon duine ris a choinnich mi a tha mar ìomhaigh na foirfeachd moralta: fhuair e cliù anns a’ bheatha phoblaich leis cho tàlantach, cho foghlaimte, cho proifeiseanta agus cho onorach ‘s a bha e. [4]

Cùrsa Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Thug e ceum mar fhear-lagha aig Oilthigh a’ Chauca.[5] Dh’ obair e mar ollamh agus rùnaire coitcheann an Oilthighe sin. Bha e an sàs anns an obair a rinn Sergio Arboleda Pombo mar Rùnaire Foghlam Poblach a’ Chauca fon Riaghaldair Vicente Cárdenas (1848). Bha e na Bhreitheamh ionadail an am Popayán.

Ceann-suidhe Choloimbia[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an Lagh dhe 9 an Gearran 1863 a chruthachadh leis a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro a steidhich Comataidh Riaghalaidh airson an dùthaich a stiùireadh. Bha còignear Rùnairean aige, is Largacha nam measg, is e os cionn an Ionmhais agus a’ bhanca Crédito Nacional.

Mu dheireadh a’ bheatha[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na Rùnaire an Ionmhais a-rithist rè an teirm mu dheireadh aig an t-Seanailear (1866). ‘S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh a bh' ann fon Sheanailear Rudesindo López Delgadillo, Riaghladair a’ Chundinamarca, ann an 1868. Bha e anns an diùraidh a thaghaich am moladh na bu fheàrr airson bun fhoghlam a chur air dòigh air feadh na dùthcha ann an 1872. Fhuair e faothachadh bho Nicolás Pinzón Warlosten a bhith na bhall a’ chiad bhuidheann dhe tìdsearan aig an Oilthigh air Astar (Universidad Externado de Colombia). Bha e na Breitheamh eadar-amail a’ chiad Àrd-chùirt a’ Cheartais anns an dùthaich, a chaidh a chruthachadh leis a’ Bhun-reachd dhe 1886.

An dèidh a bhàis[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbh dheth ann an ola anns an Taigh-tasgaidh Nàiseanta Choloimbia. Chaidh na luaithearan aige a chur san Teampall nan Curaidh (Spàinntis: Panteón de Los Próceres) a chaidh fhosgladh ann an 1940 ann am Popayán. A bharrachd air sin tha sgrìobhadh-chuimhne dhàsan anns an t-sràid Carrera Séptima ann am Popayán.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO,
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango
  4. QUIJANO WALLIS, J. M. Memorias Autobiográficas Histórico-Políticas y de Carácter Social.
  5. Oilthigh Cauca

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)