Laureano Gómez Castro

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Laureano Gómez Castro

Laureano Gomez oma posesion frente al Mural Por Santiago Martinez delgado.jpg

Ainm na Dùthcha Flag of Colombia.svg Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1950 gu 5mh an t-Samhain 1951
Ro-Theachdaire Mariano Ospina Pérez
Neach-Ionlaid Roberto Urdaneta Arbelaéz
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 20mh an Gearran 1889
Àite Bhreithe Bogotá (Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 13mh an t-Iuchar 1965
Àite a Bhàis Bogotá (Cundinamarca)
Bean/Fear-Chèile María Hurtado Cajiao
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan fear-aithris, innleadair

B’ e Laureano Eleuterio Gómez Castro [1].(rugadh 20mh an Gearran 1889 ann am Bogotá – chaochail 13mh an t-Iuchar 1965 ann am Bogotá) innleadair agus fear-poileataigs à Coloimbia,[2] le freumhan ann an Ocaña. Bha e na cheann-suidhe choloimbia bho 1950 gu 1953 nuair a dh’fhàg Roberto Urdaneta Arbeláez a’ cheanneas gu sealach air adhbharan na slàinte. Thàinig esan ais air chun a’ chinneas 13mh an t-Ògmhios 1953, ach chaidh e a chuir às a’ chathair an ceann greiseag leis an t-Seanalair Gustavo Rojas Pinilla. Mus do deach Gómez a thaghadh na cheann-suidhe, bha e air a bhith fear dhe na ceannardan na bu chudromaiche aig Partaidh Tòraidh na dùthcha fad trì deicheadan agus bhathar ag ràdh gur e fear dhe na òraidichean na b’ fhèarr anns a’ Chòmhdhail Choloimbia a bh’ann. Bha Riaghaltas fuilteach aige[3], ga steidheachadh air cur às nan Libearalach radaigeach, agus le sin fhuair e na far-ainmean "El Monstruo" (An t-Uilebheist) agus "El Basilisco" (An Eaglais Mhòr).

Phòs e María Hurtado Cajiao, à Popayán, air 9mh an t-Sultain 1916. Fhuair iad ceathrar duine-chloinne còmhla: Cecilia Gómez Hurtado, a phòs Daniel Mazuera Villegas agus an uair sin is i na banntrach, phòs i Carlos Francisco Fajardo Herrera; Rafael Gómez Hurtado, a bhàsaich ann an tubaist plèana nuair a bha e 30 bliadhna a dh’aois; Álvaro Gómez Hurtado, a phòs Margarita Escobar López; agus Enrique Gómez Hurtado, a phòs María Ángela Martínez.

Beatha anns a’ Phoileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Thogadh e fo bhuaidh an Comann Iosaid agus dh’ fhàg e an sgoil le Teisteanas Ard-ìre ann an 1904: mhàithrich e dhan Oilthigh Nàiseanta Choloimbia far an do dh’ionnsaich an Innsiniridh Sìobhalta, agus thug e ceum ann an 1909. Dh’ obair e mar innealadair ann an Antioquia agus steidhich e am pàipear-naidheachd "La Unidad" airson na beachdan tòraidh agus caitligeach a bhrosnachadh anns an dùthaich. Chaidh e a thaghadh na ball pàrlamaid airson Cundinamarca ann an 1911 agus chun an Seòmar nan Rìochairean gu ruige 1916; thill e dhan Chòmhdhail eadar 1918 agus 1921, cuine a cuidich e gun leigeadh Marco Fidel Suárez (dhen aon phàrtaidh) a dhreuchd mar cheann-suidhe. Chaidh e ainmeachadh leis a’ cheann-suidhe Pedro Nel Ospina Vásquez na mhinistear làn-ùghdarach ann An t-Sile ann an 1923 agus an aon bhliadhna na thosgair ann An Argantain; thill e ann an 1925 airson a bhith na mhinistear na h-obrach poblach, agus thug e pàirt ann an deasbad ainmeil searbh an t-Seanaidh anns an Lùnasdal 1926, rud a chuir air adhart e mar cheannard na dùthcha.

Bha e na bhall caochladh cruinneachaidhean roinneil (Santander agus Antioquia) ann an 1930 agus na Sheanadair eadar 1931 agus 1935 is turas eile eadar 1939 agus 1945: le sin dh’fhàs e a bhith an ceannard na bu mhotha aig a’ Phàrtaidh Tòraidh, agus Cathraiche an t-Seanaidh eadar 1934 agus 1935. ‘S e neach-dùbhlain gu math làidir an aghaidh Riaghaltasan nan Libearalach a bh’ann, gu h-àraidh an aghaidh Alfonso López Pumarejo (seann charaid aige o shean), ach mu dheireadh thall mhol esasn "gnìomhan gaisgeil" agus "ionnsaighean pearsanta" airson adhartasan nan Libearalach a sheachnadh. Cha tug am Pàrtaidh Tòraidh pàirt ann an taghaidhean a’ chinneas aig àm Poblachd nan Libearalach ann an 1934 agus 1938, fo bhuaidh Laureano Gómez. Thug iad taic gus an Libearalach dealachaidh Carlos Arango Vélez ann an 1942 agus chuir am pàrtaidh taic gu Mariano Ospina Pérez cneasda, leis gu robh sgaraidhean eadar na Libearalaich ro na taghaidhean dhe 1946. an dèidh gun do dhiùlt Gómez a bhith na thagraiche a’ chinneas, leis gu robh fhios aige gun adhbharadh sin aonadh nan Libearalach gu grad.

Ceann-suidhe na Dùthcha (1950-1953)[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Laureano Gómez ainmeachadh na Mhinistear na Dùthchannan Cèin ann an 1948, ach leig esan a dhreuchd an ceann greiseag an dèidh fhoill-mhortadh Jorge Eliécer Gaitán, oir cha robh barrantas eadar-nàiseanta ann, leis gu robh iad dhen bheachd gur e na Tòraidhean a bha an sàs anns an gnothach fuillteach sin. ‘S e esan an aon tagraiche a bh’ann airson a’ Chinneas ann an 1949, leis gun do dhiùlt tagraiche nan Libearalach, Darío Echandía Olaya, an iomairt is easan ag ràdh nach robh teàrrainteach ann airson daoine a’ Phàrtaidh aige air sàilleabh sreath dhe fhoill-mhortaich a thug àite (mar Ghaitán), a mharbh a bhràthair fhèin (Vicente Echandía) agus leis gu robh ainneart nan guerrillas ùr, Libearalaich agus Comannaich, a’ fàs gu luath. Airson a’ chiad uair ann an eachdraidh na dùthcha, fhuair an Dotair Gómez a bharrachd air millean bhòtaichean, is le sin thug e an ceannas os làimh 7mh an Lùnasdal 1950.

Leis gur e ceannard nan Tòraidh a bh’ann is easan cho dìlseach dha na prionnsabalan dhe barantas an òrdugh agus miadh a’ bheatha, dhùn Gómez am pàrlamaid agus chuir e stad air saorsa airson ghrèiseig, gus fheuch ri obair a’ chinn-suidhe a dheànamh nas èifeachdaiche: bha suidheachadh poileataigeach na dùthcha gu math ùpraideach, le aonaidhean-ciùird agus ceannardan na meadhanan a’ toirt taic gu crosda dhan ionnsaigh an-iochdmhor an aghaidh an òrdugh laghail is an t-ainneart a’ fàs aig an aon àm. Dh’fhàg na dùbhlanaich air Gómez gun do chleachd e dòighean aintighearnail agus gun do chuir e air bhog ceannsachadh an aghaidh buill agus luchd-taic a’ Phàrtaidh Libearalach agus an aghaidh nan Comannach. Thuirt fìor dheagh bheachdadair air choireigin gu do rinn Gómez Laureano a dhìcheall airson na guthan dùbhlanach am broinn a’ Phàrtaidh aige fhèin a chur na thosd cuideachd.

Thathar a’ beachdachadh gur e an Riaghaltas a bu choireach airson mòran rudan uabhasach a rinn feachdan dhìomhair nan sìobhaltach fo armaibh. ‘S e Am Poileas Chulavita a bh’ann am Far-ainm aca anns an sgìrean dùthchasail. Chuir iad ruaig air na Libearalaich Radaigeach agus na Comannaich, ris an canadh "Bandoleros". Rinn iad droch mhilleadh air oighreachdan agus croitean agus dh’ arbhartaich iad stòras agus fearainn nan ìobairtich. Thathar a’ beachdachadh gur e na feachdan dìomhair sin a bha ri cùlaibh iomadh mharbhadh dhe Libearalaich agus dùbhlanaich a thachair nuair a bha Gómez na cheann-suidhe.

Anns an dàrna làimh, tha feadhainn dhen bheachd gur e Riaghaltas dìreach eagalach aingidh a bha aig Gómez Laureano air sàilleabh an t-suidheachaidh dòrainn taobh a’ chogaidh sìobhalta neo-oifigeil anns an dùthaich an dèidh Am Bogotazo. Anns an làmh eile, saoilidh a’ mhòr-chuid dhe na Tòraidh agus daoine na h-Eaglaise Chaitligeach gur e fìor churaidh poileataigeach a bh’ann Gómez, leis gun do bhrosnaich e am foghlam crìosdaidh, chruthaich e Ecopetrol (Companaidh Nàiseanta a’ Pheatral), chuir e siostam na cìsean air dòigh, agus a bharrachd air sin dh’fhàs an eaconomaidh aig àm ùpraid sòisealta. Leasaichidh Gòmez Laureano cùisean sòisealta tro chaitheamh poblach.

Chuir Gómez Laureano Co-Cruinneachadh Bhun-Reachdail air dòigh, airson Stàit corpaichte, faisisteach a chruthachadh, coltach ri corra dhùthaich na Roinn Eòrpa mar an Eadailt fo Mhussolini. Nam biodh Gómez Laureano soirbheachail, bhiodh Coloimbia air a bhith a’ chiad dùthaich ann an Aimearaga a bheireadh a’ mhòr-chuid dhen Riaghaltais gu saoghal an gnìomhachais is le sin deamocrasaidh raideagach fhaighinn, mar a sgrìobh am Feallsanaiche Gearmailteach Jürgen Habermas. Bha am pròiseact aige gu math connspaideach, gun teagamh, ach thathar a’ cumail gun do steidhich sin deagh òrdugh air an dùthaich aig àm uabhasach ùpraideach.

Ghabh e greim cridhe ann an 1951 agus an uair sin stiùireadh an neach-ainmichte Roberto Urdaneta Arbeláez an Riaghaltas. A dh’aindeoin gu robh e tinn, bheireadh Gómez buaidh air an Riaghaltas tro Urdaneta agus chaidh e air ais mu dheireadh thall.

Bha suidheachadh na dùthcha a’ fàs na bu mhiosa taobh ainneart poileataigeach agus bha amharas ann gun gabhadh na feachdan armachd grèim air an Riaghaltas (a thachair 13mh an t-Ògmhios 1953). Gun roghainnean, b’ fheudar dha Laureano Gómez a theich thall thairis chun na Spàinne na fhògarrach.

A’ Bhuidhean Nàiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

Lean Gómez mar cheannard nan Tòraidh, ged a bha e na fhògarrach thall thairis agus mar sin chuir e ainm gu Còrdadh dhe Benidorm ann an 1956 le ceannard nan Libearalach Alberto Lleras Camargo an aghaidh Riaghaltas an airm.

An ath-bhliadhna, an dèidh la caída Riaghaltas an Seanailear Rojas Pinilla, chuir e ainm gu Foillseachadh dhe Sitges le Lleras, a definiría poileataigs na dùthcha fad 17 bliadhnachan, leis an dà phàrtaidh traidiseanta a’ com-pàirteachadh an Riaghaltais gu ruige 1974 ann an aontachadh leis an canar A’ Bhuidhean Nàiseanta.

Thill Gómez gu Colombia far an robh e os cionn nan Tòraidh gus a bhàsaich e ann am Bogotá, air 13mh an t-Iuchar 1965. Rinneadh e còmhraidhean leis na Tòraidhean Òga nuair a bha ùine gu leòr aige. Aig an Oilthigh Saor dhe Bogotá (Spàinntis: Universidad Libre de Bogotá). ‘S e Alvaro Atencia Carcamo a bha an neach-ionaid poileatageach aige.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Leabharlann Luis Angel Arango
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Presidencia de Colombia


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: