Sìonais
| 汉语/漢語/华语/華語/中文 Sìonais |
||
|---|---|---|
| Fuaimneachadh | Hànyǔ/Huáyǔ/Zhōngwén | |
| Ga bruidhinn ann(s) | ||
| Luchd-labhairt iomlan |
1,300,000,000 |
|
| Teaghlach-chànan |
Sìono-Tibeatanach
|
|
| Siostam-litreachaidh | Caractaran Sìonach | |
| Inbhe Oifigeil | ||
| Cànan oifigeil ann(s) | Sìona | |
| Air a riaghladh le | PRC | |
| Còdan Cànan | ||
| ISO 639-1 | zh | |
| ISO 639-2 | chi | |
| ISO 639-3 | zho | |
‘S e sreath dhe cànan a bhuineas uile gu lèir dhan teaghlach Sìono-tibeatanach a th’ ann an Sìonais.[1] Ged a bheil a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns an t-Sìona dhen bheachd gur e dìreach aon chànan le mòran dualchainnt a th’ ann, tha na diofaran eatorra coltach ris na diofaran eadar Gàidhlig is Gaeilge, neo Fraingis is Spàinntis.[2] A dh’aindeoin sin, chan eil an cànan sgrìobhte air atharrachadh idir cho luath an taca ris an teanga beò, is le sin tha i fhathast uabhasach co-ionnan air feadh na dùthcha. Feumar a ràdh gur e Sìonais Mandarainn oifigeil a thathar a’ sgrìobhadh, a’ leughadh is ag ionnsachadh. Chan e am foirm sin neo-phàirteil an coimeas ri buille eile an teaghlaich sin. A thuilleadh air sin, tha Cantonais agus Mǐn gan sgrìobhadh ann an dòigh eile, air sàilleabh gu bheil gràmar agus faclan eadar dhealaichte aca.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ David Crystal, The Cambridge Encyclopedia of Language (Cambridge: Cambridge University Press, 1987) , p. 312
- ↑ Sino-platonic