Gàidhlig na h-Èireann
O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Gaeilge)
Tha Gàidhlig na h-Èireann (An Ghaeilge), na chànan Innd-Eòrpach. 'San latha an diugh tha eadar 100,000 agus 2,000,000 aig a bheil an cànan gu ìre a choireigin ach chan eil ach mu 70,000-80,000 ga chleachdadh latha gu latha mar am prìomh-cànan.
A rèir beul-aithris tradaiseanta 's ann o Èirinn a thànaig na Gàidheil gu Alba agus Manainn agus 'se seo am beachd is cumanta a measg an t-sluagh mhòr. Tha argamaid ann eadar àrc-eòlaichean agus eachdraichean proifeiseanta mu de cho fìor 'sa tha an sean sgeul de thighean na Gàidheil gu Alba agus cuid den bheachd gun ro Gàidheil air taobh an Iar Alba mar tùsanaich.
- Gàidhlig – Ciamar a tha thu?
- Gàidhlig Manannach – Kys t'ou? (= Cionas ta u)
- Gàidhlig Ultach – Caidé mar a tá tú?, neo Cad é mar atá tú?
- Gàidhlig na h-Èireann Cumanta – Conas atá tú?
- Gàidhlig Muimhneach – Conas taoi?, Conas tánn tú?
- Gàidhlig Connachtach – Cén chaoi a bhfuil tú?
- Gàidhlig – Chan eil airgead agam.
- Gàidhlig Manannach – Cha nel argid aym.
- Gàidhlig na h-Èireann Cumanta – Níl airgead agam.
| Gàidhlig na h-Alba | Gàidhlig na h-Èireann |
|---|---|
| Gàidheal | Gael |
| latha | lá |
| oidhche | oíche |
| a-steach | isteach |
| sgoil | scoil |
| pàisde | páiste |
| ùghdarras | údarás |
| oifis/oifig | oifig |
| fosgailte | oscailte |
| bliadhna | bliain |
| rèidio | raidió |
| riaghaltas | rialtas |
| pàrlamaid | parlaimint |
| eilean | oileán |
| bruidhinn | caint |
| cnatan | slaghdán |
| rathad | bóthar |
| ministear | aire |
| ann an | i |