Alba

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, search
Alba
Bratach na h-Alba no Crann na h-Alba Leòmhann na h-Alba
Bratach Leòmhann
Cànain oifigeil: Dim. Beurla, Gàidhlig (2004 act)
Prìomh-bhaile: Dùn Èideann
Baile is Motha: Glaschu
Prìomh Mhinistear: Ailig Salmond
Farsaingeachd
 -
 - % Bùrn:
Reangach 2
78,782 km²
1.9%
Aireamh-shluaigh
 - (2001):
 - Daingneachd:

5,062,011
64/km²
Stèidhichte: Coinneach mac Alpin 843
Ruith-Airgid: Punnd Sasannach (£)
Roinn Tìde: UTC
Laoidh naiseanta: neo-oifigeil:
Flùr na h-Alba (Flower of Scotland)

'S e dùthaich suidhichte ann an taobh tuath Bhreatainn a th' ann an Alba. Bha i na rìoghachd neo-eisimileach gus an 18mh linn nuair a dh' aonaich Alba agus Sasainn airson Rìoghachd Bhreatainn Mòr a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1707. Anns a' bhliadhna 1801 dh'aonaich Rìoghachd Bhreatainn Mòr le Rìoghachd na h-Eirinn airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh. Ann an 1999, chaidh Pàrlamaid na h-Alba a' chur air bhonn, far am bithear a' dèiligeadh ri gnothaichean poilitigeach a tha a' buntainn do dh' Alba a-mhàin.


Clàr-innse

Eòlas-Cruinne

Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus 's e a' chrìoch le Sasainn taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air tìr-mòr, tha na ceudan de dh' eileanan – leithid Sealtainn, Arcaibh (Na h-Eileanan-a-Tuath) agus Na h-Eileanan an Iar air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn ann an trì pàirtean chudthromach: a’Ghàidhealtachd, a’Ghalldachd agus na Monaidhean a Deas. Tha a’chuid mhòr den t-sluagh a’fuireach 's a' Ghalldachd Meadhanaich - no Meadhan na h-Alba, far am faighear na bailtean as motha ; Glaschu agus am prìomh-bhaile Dùn Èideann .

An Geòlas

Nuair a thachair mòirneasachd ann an Lodaidh an Ear (Lodainn an Ear), o chionn 350 muillean bhliadhna, bha am pairt de Rusg na Talmhuinn air am bheil Bhreatainn suidhichte faisg air Crios na Cruinne agus bha e na roinn de proto-Tir-Mòr a tha aithnichte dhuinn leis an ainm Pangaea. Tro linntean fada chaidh co-gluasad eadar roinnean den rusg, aithnichte dhuinn mar clàran thìr-mòr, agus thachair sgleog leis tir-mòr Gondwana.

Cha dh’thàinig na pairtean mu thuath agus mu dheas na Breatainn teannta, no còmhla, gu 75 muilean bliadhnan roimh toiseach na Bholcanas ann an Lodaidh an Ear. Bha Alba agus pairt de cheann a tuath na Sassain nam pàirt de thìr-mòr Laurentian roimh-làimh, far an robh Amearaga mu Thuath agus a’ Ghraonlainn. Aig a h-aon àm, bha an dara leth de 'n Bhreatainn torr nas fhada (mu 40° de domhainn leud) do 'n dheas, faisg air Afraga agus Amearaga mu Dheas ann an tìr-mòr de Gondwana.

Alba Ùr-nodha

Tha sia bailtean mòra ann an Alba:

Poileataigs

Faic prìomh aiste: Poileataigs na h-Alba

Fòghlam ann an Alba

Tha ceithir Oilthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad :

Tha trì oilthighean deug ann an Alba gu lèir.

Na Meadhanan


Blodau Grug Dùthchannan Ceilteach Sbiral triphlyg

Alba | A’ Chòrn | a' Chuimrigh | Èirinn | A' Bhreatainn Bheag | Manainn

Priomh-aiste: Na Ceiltich

Innealan pearsanta